Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Timòteus 6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Iadsan uile a tha fo chuing na tràilleachd, measadh iad am maighstirean fhèin airidh air a h‑uile h‑urram, airson 's nach tèid toibheum a thoirt do dh'ainm Dhè agus dhan teagasg.

2 Agus na sealladh iadsan aig a bheil maighstirean creidmheach sìos orra a chionn 's gur e bràithrean a th' annta, ach dèanadh iad seirbheis nas fheàrr, air sgàth 's gur e creidmhich is luchd‑gràidh a th' anntasan a tha a' faighinn buannachd an deagh obrach‑san. Teagaisg is earalaich na rudan seo dhaibh.


Luchd‑Teagaisg Brèige agus Gràdh an Airgid

3 Ma tha duine sam bith a' teagasg sìon a tha eadar‑dhealaichte 's nach eil e a co‑chòrdadh ri facal fallain ar Tighearna Ìosa Crìosd, agus an teagasg a tha a rèir diadhaidheachd,

4 tha e air a shèideadh suas le pròis 's chan eil e a' tuigsinn sìon, ach tha iarrtas mì‑fhallain aige airson connspaid is argamaid mu fhacail, on tig farmad, strì, cùl‑chàineadh, mì‑earbsa olc,

5 argamaid gun sgur, na h‑inntinnean aca air an coirbteadh le daoine, agus às aonais na fìrinne, a' smaoineachadh gur e dòigh buannachd a th' anns an diadhaidheachd.

6 Ach 's e buannachd mhòr a th' anns an diadhaidheachd còmhla ri toil‑inntinn.

7 Oir cha tug sinn dad sam bith a‑steach dhan t‑saoghal, 's cha mhotha a tha sinn an comas dad a thoirt às.

8 Ach le biadh is còmhdachadh againn, bidh sinn toilichte leis na rudan sin.

9 Ach an fheadhainn a tha a' miannachadh a bhith beairteach, tha iad a' tuiteam ann am buaireadh 's ann an ribe, agus iomadh ana‑miann amaideach is cronail, rudan a tha a' bogadh dhaoine ann am milleadh 's ann an sgrios.

10 Oir 's e freumh gach gnè uilc gaol an airgid, leis an robh cuid – le bhith ga mhiannachadh – air an toirt a thaobh on chreideamh, agus iad fhèin air an lot troimhe le iomadh doilgheas.


Earail Dheireannach Phòil do Thimòteus

11 Ach thusa, Ò fhir Dhè, teich o na rudan seo, ach dlùth‑lean ri fìreantachd, diadhaidheachd, creideamh, gràdh, leanaltas, caomhalachd.

12 Cath deagh chath a' chreideimh, greimich air a' bheatha shìorraidh dhan deach do ghairm agus dhan do dh'aidich thu an deagh aideachadh mu choinneamh mhòran fhianaisean.

13 Tha mi a' cur ìmpidh ort mu choinneamh Dhè, a tha a' toirt beatha dha na h‑uile, agus Crìosd Ìosa a thug fianais mu choinneamh Phontius Pìlat an deagh aideachadh,

14 gun glèidh thu an t‑òrdugh gun choire, gun adhbhar càinidh, gus tighinn ar Tighearna Ìosa Crìosd,

15 a nochdas esan na àm fhèin – esan a tha na aon riaghladair beannaichte, Rìgh nan rìgh agus Tighearna nan tighearna,

16 a tha a‑mhàin neo‑bhàsmhor, a tha a' còmhnaidh ann an solas neo‑ruigsinneach, esan nach fhaca neach sam bith o mheasg dhaoine, 's nach motha is urrainn dhaibh fhaicinn; gu robh urram is cumhachd sìorraidh aige. Amen.

17 Dhaibhsan a tha beairteach san àm a tha an làthair, earalaich dhaibh gun a bhith àrd‑inntinneach no gun earbsa a chur ann am mì‑chinnt beairteis, ach ann an Dia, a tha a' toirt a h‑uile sìon dhuinne gu pailt airson am mealtainn;

18 gus math a dhèanamh, gus a bhith pailt ann an obraichean mhatha, gus a bhith fialaidh, deiseil gu bhith a' compàirteachadh.

19 A' stòradh suas dhaib' fhèin deagh bhunait airson an ama ri teachd, airson 's gun greimicheadh iad air na tha dha‑rìribh na bheatha.

20 Ò! Thimòteuis, glèidh na chaidh earbsadh riut, a' tionndadh air falbh o fhaoin‑abairtean ain‑diadhaidh agus o chonnsachadh, a th' air ainmeachadh, gu breugach, mar “eòlas”,

21 tro bheil cuid le bhith ga aideachadh, air an slighe a chall a thaobh a' chreideimh. Gràs gu robh còmhla ribh uile.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan