Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Timòteus 4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Teagasg do Thimòteus

1 A‑nis tha an Spiorad a dh'aona‑ghnothach ag ràdh, gum bi cuid sna h‑amannan deireannach a dh'fhàgas an creideamh, a' toirt aire do spioradan mheallta is teagasgan dheamhain,

2 ann an cealgaireachd ag innse bhreugan, 's an cogaisean fhèin air an losgadh le iarann teth,

3 a' toirmisg a' bhith a' pòsadh, 's ag iarraidh gum biodh biadhan air an seachnadh, rudan a chruthaich Dia airson an gabhail le taingealachd leothasan a tha a' creidsinn, agus leothasan dhan aithne an fhìrinn.

4 Oir tha gach nì a chruthaich Dia math, agus cha bu chòir rud sam bith a dhiùltadh a th' air a ghabhail le taingealachd.

5 Oir tha e air a naomhachadh tro fhacal Dhè is tro ùrnaigh.

6 Le bhith a' cur nan rudan seo mu choinneamh nam bràithrean bidh thu nad dheagh sheirbheiseach do dh'Ìosa Crìosd, air do bheathachadh le faclan a' chreideimh agus leis an deagh theagasg a tha thu air a leantainn.

7 Ach diùlt na tha ain‑diadhaidh agus na tha nam faoinsgeulan. Agus trèanaig thu fhèin airson diadhaidheachd.

8 Oir tha trèanadh corporra gu beagan feum, ach tha diadhaidheachd gu h‑iomlan feumail, oir tha gealladh na beatha a tha an làthair 's a tha ri thighinn aice.

9 Tha am facal seo fìor agus airidh air gabhail ris sa h‑uile dòigh.

10 Oir chun na crìche seo tha sinn an dà chuid ri saothair 's a' strì, oir chuir sinne ar dòchas san Dia bheò, a tha na Shlànaighear dhan a h‑uile duine, gu sònraichte do chreidmhich.

11 Thoir òrdugh mu na rudan seo agus teagaisg iad.

12 Na dèanadh duine sam bith tàir air d' òige, ach bidh nad eisimpleir dha na creidmhich ann an còmhradh, ann an dòigh beatha, ann an gràdh, ann an creideamh, ann am fìorghlaine.

13 Gus an tig mi, thoir aire do leughadh, do dh'earail, do theagasg.

14 Na dèan dìmeas air an tiodhlac a th' annad, a chaidh a thoirt dhut tro fhàidheadaireachd còmhla ri sìneadh làmhan chomhairle nan èildear ort.

15 Cuir an gnìomh na rudan seo, thoir thu fhèin dhaibh, gus am bi d' adhartas follaiseach dha na h‑uile.

16 Glèidh thu fhèin agus an teagasg, lean ort annta, oir ann a bhith a' dèanamh seo sàbhailidh tu an dà chuid thu fhèin agus iadsan a tha ag èisteachd riut.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan