Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Timòteus 2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Teagasgan a Bharrachd airson Adhraidh

1 Tha mi a' guidhe oirbh mar sin, sa chiad àite, gun dèan sibh tagraidhean, ùrnaighean, iarrtasan, taingealachdan, às leth nan uile dhaoine.

2 Às leth rìghrean 's iadsan uile a th' ann an ùghdarras, gus an caith sinn ar beatha gu sìtheil is gu sàmhach, sa h‑uile diadhaidheachd agus iomchaidheachd.

3 Tha seo math agus taitneach mu choinneamh ar Slànaigheir, Dia,

4 a tha ag iarraidh gum biodh a h‑uile duine air a shàbhaladh 's a' tighinn gu eòlas na fìrinne.

5 Oir 's e aon Dia a th' ann, aon eadar‑mheadhanair cuideachd eadar Dia is daoine, an duine Crìosd Ìosa.

6 Esan a thug e fhèin mar èirig airson nan uile, mar fhianais na amannan fhèin,

7 dhan robh mise air m' òrdachadh mar shearmonaiche 's nam abstol, tha mi a' bruidhinn na fìrinn, chan eil mi ag innse breug, neach‑teagaisg nan Cinneach ann an creideamh 's ann am fìrinn.

8 Bu toigh leam, ma‑thà, gun dèanadh na fir ùrnaigh sa h‑uile h‑àite, a' togail làmhan naomha, gun fhearg agus gun teagamh.

9 San aon dòigh cuideachd gum biodh na boireannaich gan èideadh fhèin gu beusach, gan sgeadachadh fhèin le modhalachd agus le measarrachd. Chan ann le falt ann am figheachain is òr, no le neamhnaidean no le aodach cosgail,

10 ach, mar a tha iomchaidh do bhoireannaich a tha ag aideachadh diadhaidheachd, le obraichean matha.

11 Ionnsaicheadh boireannach ann an ciùineas, anns a h‑uile h‑ùmhlachd.

12 Agus chan eil mi a' ceadachadh do bhoireannach teagasg, no ùghdarras a bhith aice thairis air duine, ach a bhith ann an ciùineas.

13 Oir chaidh Àdhamh a chruthachadh an toiseach, an uair sin Èubha.

14 Agus cha robh Àdhamh air a mhealladh, ach a' bhean nuair a chaidh a mealladh, thàinig i gu bhith ann an eas‑ùmhlachd.

15 Ach bidh i air a sàbhaladh tro aiseid‑chloinne, ma dh'fhanas i ann an creideamh agus ann an gràdh agus ann an naomhachd le measarrachd.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan