Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Tesalònianaich 4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Beò airson Dia a Thoileachadh

1 Mu dheireadh, mar sin, a bhràithrean, tha sinn ag iarraidh oirbh agus gur misneachadh san Tighearna Ìosa – dìreach mar a fhuair sibh uainne – a thaobh mar is èiginn dhuibhse a bhith beò agus a bhith taitneach do Dhia; dìreach mar a tha sibh beò, biodh sibh a' meudachadh gu mòr.

2 Oir tha fios agaibh air na h‑òrduighean a thug sinn dhuibh, tron Tighearna Ìosa.

3 Oir is e seo toil Dhè, ur naomhachadh: gun seachnadh sibh strìopachas;

4 gum biodh fios aig gach neach agaibh ciamar a ghleidheas e a shoitheach fhèin ann an naomhachd is urram;

5 chan ann ann an droch mhiann an t‑sainnt, eadhon mar a tha na Cinnich cuideachd aig nach eil eòlas air Dia;

6 gun neach a bhith a' peacachadh 's a' gabhail brath air a bhràthair san nì seo, oir is e Aon a pheanasaicheas a th' anns an Tighearna, a thaobh nan rudan seo gu lèir, eadhon mar a thuirt sinn ribh roimhe 's air an tug sinn làn‑fhianais.

7 Oir cha do ghairm Dia sinn gu neòghlaine, ach ann an naomhachd.

8 Mar sin an neach a dhiùltas seo chan e duine a tha e a' diùltadh ach Dia, Esan a tha cuideachd air a Spiorad Naomh fhèin a thoirt dhuibh.

9 A‑nis a thaobh gràidh bràthaireil chan eil feum agaibhse gun sgrìobh mi thugaibh, oir tha sib' fhèin air ur teagasg le Dia gus càch‑a‑chèile a ghràdhachadh.

10 Oir gu dearbh tha sibh ga dhèanamh ris na bràithrean gu lèir a th' ann am Macedònia air fad. Ach tha sinn gur misneachadh a bhràithrean, gus meudachadh gu mòr ann.

11 Agus gum bi e na àrd‑amas agaibh a bhith beò gu sìtheil agus a bhith a' dèanamh nan rudan a bhuineas dhuib' fhèin, agus a bhith ag obair ler làmhan fhèin, eadhon mar a dh'òrdaich sinn dhuibh.

12 Airson 's gum bi sibh beò gu cothromach riuthasan a th' air an taobh a‑muigh agus nach bidh feum agaibh air sìon.


Creidmheich a Chaochail

13 Cha bu toigh leinn a‑nis gum biodh sibh aineolach a bhràithrean, mun fheadhainn a tha nan cadal, airson 's nach bi sibh tùrsach eadhon mar a tha an còrr aig nach eil dòchas.

14 Oir ma tha sinn a' creidsinn gun do bhàsaich Ìosa agus gun do dh'èirich e, mar sin cuideachd bheir Dia iadsan a tha nan cadal, thuige fhèin, tro Ìosa.

15 Oir 's e seo a tha sinn ag ràdh ribh, le facal Dhè, nach bi sinne a bhios beò agus a' mhaireas gu tighinn an Tighearna, idir air thoiseach orrasan a tha nan cadal.

16 Oir thig an Tighearna fhèin, le èigh òrduigh, le guth an àrd‑aingil agus le trompaid Dhè, a‑nuas o nèimh, agus èiridh na mairbh ann an Crìosd an toiseach.

17 An uair sin bidh sinne a tha beò agus a' mhaireas, air ar glacadh suas còmhla riuthasan sna sgòthan, gus coinneachadh ris an Tighearna san adhar; agus mar sin bidh sinn còmhla ris an‑còmhnaidh.

18 Mar sin, misnichibh càch‑a‑chèile leis na faclan seo.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan