1 Tesalònianaich 3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 20171 Mar sin nuair nach b' urrainn dhuinn cumail oirnn na b' fhaide, bha sinn toilichte a bhith air ar fàgail ann am baile na h‑Àithne nar n‑aonar. 2 Agus chuir sinn Timòteus thugaibh, ar bràthair agus co‑obraiche Dhè ann an soisgeul Chrìosd, gus an stèidhicheadh e sibh agus gum misnicheadh e sibh a thaobh ur creideimh. 3 Na biodh neach sam bith air a chrathadh leis na trioblaidean seo, oir tha fios agaib' fhèin, gun robh sinn air ar n‑òrdachadh airson seo. 4 Oir eadhon nuair a bha sinn còmhla ribh, dh'innis sinn dhuibh ro‑làimh gu robh sinn a' dol a dh'fhulang trioblaid, eadhon mar a thachair e 's mar as aithne dhuibh. 5 Air an adhbhar sin, nuair nach b' urrainn dhomh cumail orm, chuir mi a dh'fhaighinn fios mur creideamh, mus buaireadh fear a' bhuairidh sibh air dhòigh sam bith, agus gun tigeadh ar saothair gu bhith dìomhain. Aithris Mhisneachail Thimòteuis 6 Ach a‑nis on a thill Timòteus thugainn uaibhse, agus gun do dh'aithris e deagh‑sgeul ur creideimh 's ur gràidh, agus gu bheil deagh chuimhne agaibh oirnne an‑còmhnaidh, ag iarraidh ar faicinn eadhon mar a tha sinne ag iarraidh ur faicinn‑se. 7 Air an adhbhar sin bha sinn air ar misneachadh, a bhràithrean, dhar taobh‑se, nar n‑àmhghar 's nar trioblaid uile, tro ur creideimh‑se. 8 Oir a‑nis tha sinne beò, ma sheasas sibhse gu daingeann san Tighearna. 9 Oir dè an taing as urrainn dhuinn a thoirt do Dhia a phàigheas air ar son‑ne, airson a' ghàirdeachais leis an do rinn sinne gàirdeachas dhar taobh‑se, fa chomhair ar Dè. 10 A dh'oidhche is a latha, leis a h‑uile dùrachd, dh'iarr sinn ur n‑aghaidh fhaicinn, agus gun dèanamaid suas na tha a dhìth air ur creideimh. 11 A‑nis, gun stiùireadh ar Dia 's ar n‑Athair agus ar Tighearna Ìosa ar slighe thugaibh. 12 Ach gun toireadh an Tighearna oirbh meudachadh is cur thairis ann an gràdh dha chèile agus dhan a h‑uile neach, eadhon mar a tha sinne cuideachd dhuibhse; 13 gus an stèidhich e ur cridheachan gun choire ann an naomhachd mu choinneamh Dhè agus ar n‑Athar, aig tighinn ar Tighearna Ìosa, leis na naoimh aige gu lèir. Amen. |