Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Tesalònianaich 2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Ministrealachd Phòil ann an Tesalonìca

1 Oir tha fios agaib' fhèin, a bhràithrean, nach robh ar tighinn thugaibh dìomhain.

2 Ach às dèidh fulang mar‑thà agus a bhith air ar làimhseachadh gu tàireil, mar as aithne dhuibh, ann am Philipi, gu robh sinn dàna nar Dia gus soisgeul Dhè innse dhuibh le mòran strì.

3 Oir cha robh ar tagradh o mhealltaireachd no o neòghlaine no o cheilg,

4 ach eadhon mar a bha sinn taitneach le Dia, 's an soisgeul air earbsadh rinn. Mar sin, tha sinn a' bruidhinn, chan ann a' toileachadh dhaoine, ach Dia, a tha a' dearbhadh ar cridheachan.

5 Oir cha do chleachd sinn briathran miodalach, mar as aithne dhuibh, no rùn sanntach; 's e Dia ar fianais.

6 Cha mhotha a bha sinn a' lorg glòir o dhaoine, no uaibhse, no o mhuinntir eile. Dh'fhaodadh sinn cuideam a leigeil oirbh mar abstoil Chrìosd,

7 ach 's ann a bha sinn mar leanabanan nur measg, mar a dh'altramas màthair a' chlann aice fhèin.

8 Mar sin, a rèir ar n‑iarrtas dhuibh, bha sinn toilichte compàirteachadh ribhse, chan e a‑mhàin soisgeul Dhè, ach eadhon ar n‑anman fhèin, oir bha sibh gràdhaichte leinn.

9 Oir tha cuimhne agaibh, a bhràithrean, air ar saothair 's ar n‑obair chruaidh, ag obair a dh'oidhche 's a latha gus nach biodh sinn nar n‑uallach do dhuine agaibh, agus shearmonaich sinn dhuibh soisgeul Dhè.

10 Tha sibhse nur fianaisean, agus Dia, air cho naomh is fìreanta is neochoireach 's a bha sinn leibhse a bha a' creidsinn;

11 eadhon mar a tha fios agaibh, mar a bha sinn do gach aon agaibh, mar athair le a' chloinn fhèin,

12 gur n‑earalachadh agus gur cofhurtachadh agus a' cur ìmpidh oirbh gus am biodh sibh beò gu h‑iomchaidh do Dhia, a ghairm sibh a‑steach dha rìoghachd fhèin 's dha ghlòir.

13 Agus air sgàth seo tha sinne cuideachd a' toirt taing do Dhia gun sgur, nuair a fhuair sibh facal Dhè uainne, gun do ghabh sibh ris, cha b' ann mar fhacal dhaoine, ach mar a tha e dha‑rìribh, facal Dhè, a tha ag obair annaibhse cuideachd a tha a' creidsinn.

14 Oir thàinig sibhse gu bhith nur luchd‑leantainn, a bhràithrean, de dh'eaglaisean Dhè a th' ann an Iudèa, ann an Crìosd Ìosa: oir na dearbh rudan a dh'fhuiling sibhse cuideachd o mhuinntir ur dùthaich fhèin, mar sin cuideachd dh'fhuiling iadsan o na h‑Iùdhaich.

15 An fheadhainn a mharbh an dà chuid an Tighearna Ìosa agus na fàidhean, agus a rinn geur‑leanmhainn oirnne agus nach eil a' toileachadh Dhè, agus a tha an aghaidh a h‑uile duine:

16 a tha gar bacadh o bhith a' bruidhinn ris na Cinnich airson 's gum biodh iad air an sàbhaladh, ach gum biodh an cuid pheacaidhean nas lìonmhoire; oir thàinig fearg orra chun na crìch.


Miann Phòil a Bhith còmhla ris na Tesalònianaich

17 Ach tha sinne, a bhràithrean, às dèidh a bhith air ar dealachadh uaibh airson ùine ghoirid, ann am pearsa 's chan ann an cridhe, 's ann a bu mhotha a rinn sinn ar dìcheall air ur n‑aghaidh fhaicinn, le mòr‑iarrtas.

18 Mar sin b' e ar toil tighinn thugaibh, gu dearbh bha mise, Pòl, ag iarraidh sin uair is uair eile, agus bhac Sàtan sinn.

19 Oir dè ar dòchas, no ar toileachas, no ar crùn bòstaidh? Nach e sibhse fhèin, an làthair ar Tighearna Ìosa, aig a thighinn?

20 Oir is sibhse ar glòir agus ar n‑aoibhneas.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan