Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Tesalònianaich 1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Pòl agus Siluanus agus Timòteus, Chun na h‑eaglaise ann an Tesalonìca, ann an Dia an t‑Athair agus an Tighearna Ìosa Crìosd. Gràs dhuibh agus sìth.


Taingealachd airson Creideimh nan Tesalònianach

2 Tha sinn a' toirt buidheachais do Dhia an‑còmhnaidh dhar taobh‑se gu lèir, a' dèanamh iomraidh oirbh nar n‑ùrnaighean gun sgur,

3 a' cuimhneachadh air obair ur creideimh, agus saothair ur gràidh, agus leanaltas ur dòchais nar Tighearna Ìosa Crìosd, fa chomhair ar Dia 's ar n‑Athair.

4 Le fios, a bhràithrean a tha gràdhaichte le Dia, air ur taghadh‑se,

5 oir cha tàinig ar soisgeul‑ne thugaibhse ann am facal a‑mhàin, ach cuideachd ann an cumhachd, agus san Spiorad Naomh, agus le mòran dearbhaidh, eadhon mar a tha fios agaibh air dè an seòrsa dhaoine a bh' annainne nur measg agus air ur son.

6 Agus thàinig sibh gu bhith nur luchd‑leanmhainn dhuinne, agus dhen Tighearna, nuair a ghabh sibh ris an fhacal ann an trioblaid mhòir, le aoibhneas an Spioraid Naoimh;

7 air leithid de dhòigh 's gun tàinig sibh gu bhith nur n‑eisimpleirean dhaibhsan a tha a' creidsinn ann am Macedònia 's ann an Achaia.

8 Oir uaibhse tha facal an Tighearna air aithris, chan ann a‑mhàin ann am Macedònia agus Achaia, ach sa h‑uile àite dhan deach ur creideamh ann an Dia a‑mach, air chor 's nach eil feum againne air rud sam bith a ràdh.

9 Oir tha iad fhèin a' dèanamh aithris air an t‑seòrsa fàilte a fhuair sinne uaibhse, agus mar a thionndaidh sibh gu Dia o iodhalan, gus seirbheis a dhèanamh dhan Dia a tha beò agus fìor,

10 agus gus feitheamh ri a mhac‑san o nèimh, a thog esan o na mairbh – Ìosa, an neach a shaor sinn on fheirg a tha ri thighinn.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan