Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Peadar 5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Gu Èildearan agus gu Daoine Òga

1 Mar sin, na h‑èildeirean nur measg, tha mi a' misneachadh, mar cho‑èildeir 's mar fhianais air fulangasan Chrìosd, agus mar chom‑pàirtichean dhen ghlòir a tha gu bhith air fhoillseachadh,

2 beathaichibh treud Dhè a tha nur measg, mar fhir‑coimhid, chan ann mar gun deigheadh ur co‑èigneachadh, ach gu deònach a rèir Dhè, chan ann airson buannachd shuarach, ach gu toileach,

3 chan ann a' gabhail tighearnas thairis orrasan a tha for cùram, ach nur n‑eisimpleirean dhan treud.

4 Agus nuair a thèid an t‑Àrd‑bhuachaille fhoillseachadh, gheibh sibh crùn neo‑chrìonach na glòire.

5 San aon dòigh, a dhaoine òga, bithibh umhail dha na h‑èildeirean. Agus còmhdaichibh uile sib' fhèin le irioslachd dha chèile, oir: “Tha Dia a' cur an aghaidh na feadhna a tha pròiseil, ach tha e a' toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.”

6 Bithibh air ur n‑irioslachadh, mar sin, fo làimh chumhachdaich Dhè, gus an àrdaich esan sibh aig an àm cheart,

7 a' tilgeil ur cùram uile airsan, oir tha cùram aige dhuibh.

8 Bithibh sòbarra, cumaibh faire, oir tha ur nàmhaid, an diabhal, a' coiseachd mun cuairt mar leòmhann beucach, a tha a' sireadh cò a shluigeas e.

9 Seasaibh na aghaidh, daingeann sa chreideamh, le fios gu bheil na h‑aon fhulangasan air an coileanadh nur bràithreachas air feadh an t‑saoghail.

10 A‑nis, nì Dia nan uile ghràs – a ghairm sibh gu a ghlòir shìorraidh ann an Crìosd Ìosa, às dèidh dhuibh fulang beagan ùine – ur coileanadh, ur suidheachadh, ur neartachadh agus ur stèidheachadh.

11 Dhàsan gu robh cumhachd fad saoghal nan saoghal. Amen.


Fàiltean Dheireannach

12 Tro Shiluanus, am bràthair dìleas, mar a tha mi a' meas, sgrìobh mi gu goirid thugaibh, gur misneachadh agus a' dèanamh fianais gur e seo fìor ghràs Dhè anns a bheil sibh nur seasamh.

13 Tha ise a th' ann am Bàbilon, a th' air a taghadh cuide ribh, a' cur fàilte oirbh, agus Marcas mo mhac.

14 Cuiribh fàilte air a chèile le pòg ghràidh. Sìth dhuibh uile, a th' ann an Crìosd.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan