Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Peadar 3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Mnathan‑Phòsta agus Fir‑Pòsta

1 San aon dòigh, a mhnathan‑phòsta, bithibh umhail dhur fir‑pòsta fhèin, airson 's, eadhon ma tha fir‑pòsta sam bith eas‑umhail dhan fhacal, gum bi iad air am buannachadh, gun fhacal, tro dhòigh‑beatha nam mnathan‑phòsta aca,

2 le bhith a' faicinn ur dòigh‑beatha a th' ann an naomhachd is eagal,

3 chan ann air ur brèaghachadh air an taobh a‑muigh le figheachain agus le rudan òir a chur oirbh no air ur sgeadachadh le aodach,

4 ach le na tha falaichte ann an cridhe neach, leis an nì neo‑thruaillidh sin anns a bheil luach mòr mu choinneamh Dhè – spiorad iriosal is sìtheil.

5 Oir 's ann mar sin cuideachd a bha na boireannaich naomha o shean gam brèaghachadh fhèin, iadsan aig an robh dòchas ann an Dia, umhail dham fir.

6 Mar Shàra a bha umhail do dh'Abrahàm, a' gabhail ‘maighstir’ air, bhon tàinig sibhse gus a bhith nur cloinn, agus gun eagal a bhith oirbh o oillt sam bith.

7 San aon dòigh, fheara‑pòsta, bithibh beò còmhla ri ur mnathan‑phòsta le tuigse, a' toirt urraim dhaibh, mar le soitheach a tha nas laige, mar cho‑oighreachan air gràs na beatha, gus nach bi ur n‑ùrnaighean air am bacadh.


A' Fulang airson Maith a Dhèanamh

8 A‑nis, mu dheireadh, bithibh de dh'aon inntinn, co‑fhaireachdail, a' gràdhachadh mar bhràithrean, teò‑chridheach, iriosal nur n‑inntinn,

9 gun a bhith ag ath‑phàigheadh olc airson uilc, no droch‑bheul airson droch‑bheòil, ach an àite sin beannaichibh, oir is ann chun a seo a chaidh ur gairm, gus an sealbhaich sibh beannachadh.

10 Oir: “Esan a tha ag iarraidh beatha a ghràdhachadh agus làithean matha fhaicinn, cumadh e a theanga o olc, agus a bhilean o cheilg a bhruidhinn.

11 Tionndaidheadh e o olc agus dèanadh e math, sireadh e sìth agus rachadh e an tòir oirre.

12 Oir tha sùilean an Tighearna orrasan a tha fìreanta agus a chluasan rin ùrnaighean, ach tha gnùis an Tighearna an aghaidh nam muinntir a tha a' dèanamh an uilc.”

13 Agus cò esan a nì cron oirbh ma bhios sibh eudmhor airson a' mhaith?

14 Ach eadhon ma dh'fhuilingeas sibh air sgàth fìreantachd, tha sibh beannaichte. “Ach na biodh eagal oirbh on chùis‑eagail acasan 's na bithibh air ur buaireadh.”

15 Ach naomhaichibh an Tighearna Crìosd nur cridheachan, an‑còmhnaidh deiseal airson freagairt a thoirt dhan a h‑uile neach a dh'iarras cunntas oirbh mun dòchas a th' annaibh,

16 ach dèanaibh seo le caomhalachd is eagal, le deagh chogais, gus am bi iadsan a chàineas ur deagh chaitheamh‑beatha ann an Crìosd air an nàrachadh.

17 Oir tha e nas fheàrr, mas e toil Dhè, gum fulaing sibh airson maith a dhèanamh na airson uilc a dhèanamh.

18 Oir dh'fhuiling Crìosd cuideachd aon uair airson pheacaidhean, fìrean airson nan neo‑fhìrean, airson 's gun toireadh e sibhse gu Dia, às dèidh a bhith air a chur gu bàs san fheòil ach air a dhèanamh beò san Spiorad;

19 agus tron a seo shearmonaich e dha na spioradan a bha sa phrìosan,

20 dhaibhsan a bha eas‑umhail, air an robh Dia aig an àm sin a' feitheamh le fad‑fhulangas ann an làithean Nòah, fhad 's a bha an àirc ga togail, anns an robh beagan, eadhon ochd anaman, air an sàbhaladh tro uisge.

21 Tha am baisteadh, a tha na choileanaidh air a seo, a‑nis a' sàbhaladh, chan ann le salchar a thoirt on chorp, ach le freagairt an deagh chogais mu choinneamh Dhè, tro aiseirigh Ìosa Crìosd,

22 a tha aig deas làimh Dhè, às dèidh dha a dhol do nèamh, 's e air ainglean is ùghdarrasan is cumhachdan a chur fo smachd.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan