Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Peadar 1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Peadar, abstol Ìosa Crìosd, Gu na fògarraich a th' air an sgapadh air feadh Phontus, Ghalàtia, Chappadòcia, Àisia 's Bhitinia, taghta

2 a rèir ro‑eòlais Dhè an Athar, ann an naomhachadh an Spioraid, airson ùmhlachd is crathadh fuil Ìosa Crìosd. Gràs dhuibh, agus gum biodh sìth air a meudachadh dhuibh.


Moladh do Dhia airson Dòchais Beò

3 Beannaichte gu robh Dia agus Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd, neach, a rèir a mhòr thròcaire, a th' air ar n‑ath‑ghin gu dòchas beò tro aiseirigh Ìosa Crìosd o na mairbh,

4 gu oighreachd neo‑bhàsmhor is neo‑thruaillte, agus nach crìon, a th' air a cumail anns na nèamhan dhuibhse,

5 a th' air ur gleidheadh ann an cumhachd Dhè, tro chreideamh, airson slàinte a tha deiseal gus a bhith air a foillseachadh san àm dheireannach,

6 anns a bheil sibh a‑nis a' dèanamh aoibhneis mhòir, ged a dh'fhaodas e bhith gu feum sibh a bhith fo thùrsa tro iomadh buaireadh airson ùine bhig,

7 airson 's gun tèid deuchainn ur creideimh – a tha tòrr mòr nas prìseile na òr a rachas a dhìth – a dhearbhadh fìor tro theine, 's air fhaighinn gu moladh is glòir is onair, aig foillseachadh Ìosa Crìosd.

8 Ged nach fhaca sibh e, tha sibh ga ghràdhachadh. Ged nach eil sibh a‑nis ga fhaicinn tha sibh a' creidsinn ann, 's tha sibh a' dèanamh gàirdeachais le aoibhneas thar bhriathran is làn glòire,

9 a' faighinn crìoch ur creideimh, sàbhaladh ur n‑anman.

10 A thaobh an t‑sàbhalaidh seo rinn na fàidhean – a rinn fàidheadaireachd mun ghràs a bha gus a thighinn thugaibhse – sgrùdadh is rannsachadh mionaideach.

11 A' sireadh gu dè an neach no dè an t‑àm a bha Spiorad Chrìosd a bh' annta a' foillseachadh dhaibh, a' dèanamh fàisneachd air fulangasan Chrìosd agus na glòirean a leanadh.

12 Chaidh fhoillseachadh dhaibh nach b' ann dhaib' fhèin ach dhuibhse a bha iad a' ministrealachadh nan rudan seo, a chaidh a‑nis an innse dhuibh tromhpasan a shearmonaich an deagh sgeul dhuibh san Spiorad Naomh, a chaidh a chur o nèamh, rudan air am miann le ainglean a bhith a' coimhead.


Bithibh Naomh

13 Mar sin, deasaichibh ur n‑inntinnean, bithibh sòbarra nur n‑inntinn, agus biodh ur dòchas gu tur air a' ghràs sin a tha a' tighinn thugaibh aig foillseachadh Ìosa Crìosd.

14 Mar chlann umhail, na bithibh air ur co‑chumadh ris na h‑ana‑miannan a bh' agaibh nur n‑aineolas.

15 Ach a rèir mar a tha esan a ghairm sibh naomh, bithibh‑se naomh cuideachd, nur caitheamh‑beatha gu lèir,

16 a chionn 's gu bheil e sgrìobhte, “Bithibh‑se naomh oir tha mise naomh.”

17 Agus ma ghairmeas sibh airsan mar Athair a tha a' toirt breith gu cothromach a rèir obrach gach neach, giùlainibh sib' fhèin le eagal ann an àm ur fògraidh,

18 is fios agaibh air a seo, nach deach ur n‑ath‑cheannach le rudan a chrìonas às, mar airgead no òr, o ur dòigh‑beatha dhìomhain a thàinig thugaibh o ur n‑athraichean,

19 ach le fuil phrìseil Chrìosd, mar uan gun smal is gun spot.

20 Chaidh a ro‑aithneachadh dha‑rìribh ro leagail bhunaitean an t‑saoghail, ach chaidh a nochdadh anns na h‑amannan dheireannach dhuibhse,

21 troimhesan – a thog e o na mairbh agus a ghlòraich e – tha sibhse a' creidsinn ann an Dia, airson 's gum bi ur creideamh agus ur dòchas ann an Dia.

22 A‑nis a chionn 's gun do ghlan sibh ur n‑anman tro ùmhlachd dhan fhìrinn airson gràidh neo‑chealgach dha na bràithrean, gràdhaichibh a chèile dha‑rìribh, à cridhe glan.

23 Chaidh ur n‑ath‑ghin, chan ann o shìol truaillidh ach neo‑thruaillidh, tro fhacal beò is maireannach Dhè.

24 Oir: “Tha a h‑uile feòil mar fheur, agus a ghlòir gu lèir mar bhlàth an fheòir, shearg am feur agus thuit am blàth dheth.

25 Ach mairidh facal an Tighearna gu sìorraidh.” Agus is e seo am facal a chaidh a shearmonachadh dhuibhse.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan