1 Eòin 5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Creideamh ann am Mac Dhè 1 Tha gach neach a tha a' creidsinn gur e Ìosa an Crìosd air a bhreith o Dhia, agus tha gach neach aig a bheil gràdh dhan Athair, a' toirt gràidh cuideachd dhàsan a chaidh a bhreith leis. 2 Mar sin, tha fios againn gu bheil gràdh againn air clann Dhè; nuair a tha gràdh againn air Dia agus nuair a chumas sinn na h‑àithntean aige. 3 Oir is e seo gràdh Dhè – gun cùm sinn na h‑àithntean aige, agus chan eil na h‑àithntean aige trom. 4 Oir tha gach neach a th' air a bhreith o Dhia a' toirt buaidh air an t‑saoghal. 'S e seo a' bhuaidh a thug buaidh air an t‑saoghal, ar creideamh. 5 Cò a bheir buaidh air an t‑saoghal, mura h‑e esan a chreideas gur e Ìosa Mac Dhè? 6 Is e seo esan a thàinig tro uisge agus tro fhuil – Ìosa Crìosd. Chan ann tro uisge a‑mhàin, ach tro uisge agus tro fhuil. Agus 's e an Spiorad a tha a' toirt fianais, a chionn 's gur e an Spiorad an fhìrinn. 7 Oir tha triùir ann a tha a' toirt fianais, 8 an Spiorad, agus an t‑uisge, agus an fhuil agus tha an triùir sin nan n‑aon. 9 Ma ghabhas sinn ri fianais dhaoine, tha teisteanas Dhè nas motha. Oir is i seo fianais Dhè, gun tug e fianais mu a Mhac. 10 Esan a tha a' creidsinn ann am Mac Dhè, tha an fhianais ann fhèin. Esan nach eil a' creidsinn Dhè, tha e air breugaire a dhèanamh dheth, oir chan eil e air creidsinn san fhianais a thug Dia mu a Mhac fhèin. 11 Agus is i seo an fhianais, gun tug Dia dhuinne a' bheatha shìorraidh; agus tha a' bheatha seo na Mhac‑san. 12 An neach aig a bheil am Mac, tha beatha aige; an neach aig nach eil Mac Dhè, chan eil beatha aige. Co‑Dhùnaidhean Deireannach 13 Sgrìobh mi na rudan seo thugaibh airson 's gum bi fios agaibh gu bheil a' bheatha shìorraidh agaibhse a tha a' creidsinn ann an ainm Mhic Dhè. 14 'S e seo an earbsa a th' againn annsan, ma dh'iarras sinn rud sam bith a rèir a thoil, èistidh e rinn. 15 Agus ma tha fios againn gun èist e rinn – a thaobh rud sam bith a dh'iarras sinn – tha fios againn gu bheil na h‑iarrtasan a dh'iarr sinn air, againn. 16 Ma chì neach sam bith a bhràthair a' dèanamh peacaidh nach eil idir gu bàs, iarradh e, agus bheir Dia beatha dhàsan agus dhaibhsan nach eil a' dèanamh peacaidh a tha gu bàs. Tha peacadh ann a tha gu bàs. Chan eil mi ag ràdh gum bu chòir dha guidhe mun t‑seòrsa sin. 17 'S e peacadh a th' anns a h‑uile h‑eucoir; agus tha peacadh ann nach eil gu bàs. 18 Tha fios againn nach peacaich neach sam bith a th' air a ghineadh le Dia, agus tha am fear a chaidh a ghineadh le Dia ga chumail, agus cha bhean an droch fhear ris. 19 Tha fios againn gur ann le Dia a tha sinne agus gu bheil an saoghal gu lèir na laighe fo chumhachd an fhir uilc. 20 Agus tha fios againn gun tàinig Mac Dhè agus gun tug e dhuinne tuigse airson 's gum bi eòlas againn airsan a tha fìor, agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac, Ìosa Crìosd. Is esan an Dia fìor agus a' bheatha shìorraidh. 21 A chlann bheaga, cumaibh sib' fhèin bho iodhalan. |