1 Eòin 4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Dearbhaibh na Spioradan 1 A mhuinntir ghràdhaichte, na creidibh a h‑uile spiorad, ach dearbhaibh na spioradan – an ann o Dhia a tha iad, oir tha mòran fhàidhean‑brèige air a dhol a‑mach dhan t‑saoghal. 2 Mar sin, aithnichidh sibh Spiorad Dhè. Tha a h‑uile spiorad a dh'aidicheas gun tàinig Ìosa Crìosd san fheòil o Dhia, 3 ach chan ann o Dhia a tha spiorad sam bith nach aidich Ìosa. 'S e seo spiorad an ana‑crìosd, a chuala sibh a tha ri thighinn agus a tha eadhon a‑cheana san t‑saoghal. 4 Tha sibhse, a chlann bheaga, o Dhia agus thug sibh buaidh orrasan, oir tha am fear a tha annaibh‑se nas motha na am fear a th' anns an t‑saoghal. 5 Tha iadsan on t‑saoghal agus mar sin tha iad a' bruidhinn mun t‑saoghal, agus tha an saoghal ag èisteachd riutha. 6 Tha sinne le Dia, agus ge b' e cò aig a bheil eòlas air Dia, èistidh e rinne; ach ge b' e cò nach eil o Dhia, chan èist e rinne. 'S e seo mar a bhios eòlas againn air Spiorad na fìrinne agus air spiorad a' mheallaidh. Gràdh Dhè agus ar Gràdh‑ne 7 A mhuinntir ghràdhaichte, biodh gràdh againn air càch‑a‑chèile on a tha gràdh o Dhia. Agus rugadh gach neach aig a bheil gràdh, o Dhia agus tha eòlas aige air Dia. 8 An neach aig nach eil gràdh, chan eil eòlas aige air Dia a chionn 's gur gràdh Dia. 9 Mar sin, chaidh gràdh Dhè a nochdadh dhuinne – gun do chuir Dia aonghin Mic dhan t‑saoghal airson 's gum bitheamaid beò troimhesan. 10 Is ann an seo a tha gràdh; chan e gun do ghràdhaich sinne Dia ach gun do ghràdhaich esan sinne, agus gun do chuir e a Mhac mar ìobairt‑rèite airson ar peacaidhean. 11 A mhuinntir ghràdhaichte ma ghràdhaich Dia sinne, mar sin bu chòir dhuinne cuideachd gràdh a bhith againn air càch‑a‑chèile. 12 Chan fhaca neach sam bith Dia riamh; ach ma tha gràdh againne air càch‑a‑chèile, tha Dia a' fantainn annainne agus tha a ghràdh‑san air a choileanadh annainn. 13 Mar sin, tha fios againn gu bheil sinn a' fantainn annsan agus esan annainne, a chionn 's gun tug e dhuinn an Spiorad aige. 14 Agus chunnaic sinn, agus thug sinn fianais, gun do chuir an t‑Athair am Mac gu bhith na Shlànaighear dhen t‑saoghal. 15 Ma dh'aidicheas neach sam bith gur e Ìosa Mac Dhè, tha Dia a' fantainn annsan agus esan ann an Dia. 16 Agus tha fios againn air agus tha sinn air creidsinn anns a' ghràdh a th' aig Dia air ar son. Is gràdh Dia. Agus esan a tha a' fantainn ann an gràdh, tha e a' fantainn ann an Dia agus Dia a' fantainn annsan. 17 Mar sin tha gràdh air a choileanadh annainne, airson 's gum bi misneachd againn air Latha a' Bhreitheanais, agus dìreach mar a tha esan, tha sinne cuideachd san t‑saoghal seo. 18 Chan eil eagal ann an gràdh. Ach tha gràdh coileanta a' tilgeil eagal a‑mach, oir tha peanas san eagal. Agus chan eil neach air a bheil eagal air a dhèanamh coileanta ann an gràdh. 19 Tha sinne a' gràdhachadh a chionn 's gun do gràdhaich esan sinne an toiseach. 20 Ma chanas neach sam bith, “Tha gràdh agamsa air Dia,” ach gu bheil fuath aige dha bhràthair, 's e breugaire a th' ann. Oir chan urrainn dhàsan aig nach eil gràdh air a bhràthair, a tha e air fhaicinn, gràdh a bhith aige air Dia, nach eil e air fhaicinn. 21 Agus tha an àithne seo againn uaithe‑san: Esan aig a bheil gràdh air Dia, feumaidh e cuideachd gràdh a bhith aige air a bhràthair. |