Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Eòin 2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Mo chlann bheaga, tha mi a' sgrìobhadh nan rudan seo thugaibh airson 's nach peacaich sibh. Ach ma pheacaicheas neach sam bith, tha fear‑tagraidh againn còmhla ris an Athar – Ìosa Crìosd, am fìrean.

2 Agus is esan an ìobairt‑rèite airson ar peacaidhean, agus chan ann a‑mhàin airson ar feadhna ach cuideachd airson feadhna an t‑saoghail gu lèir.


Gràdh is Fuath do Cho‑Chreidmheich

3 Agus mar sin tha fios againn gu bheil sinn air eòlas fhaighinn airsan, ma chumas sinn àithntean‑san.

4 Esan a chanas, “Tha eòlas agam air,” ach nach eil a' cumail àithntean, tha e na bhreugaire 's chan eil an fhìrinn ann.

5 Ach ge b' e cò a chumas fhacal‑san, gu fìrinneach tha gràdh Dhè air a choileanadh ann, mar sin tha fios againn gu bheil sinne annsan.

6 Ge b' e cò a chanas gu bheil e beò annsan, feumaidh e coiseachd mar a choisich esan.

7 A mhuinntir ghràdhaichte, chan eil mi a' sgrìobhadh àithne ùr thugaibh ach seann tè, a bh' agaibh on toiseach. 'S e an t‑seann àithne am facal a chuala sibh.

8 A‑rithist tha mi a' sgrìobhadh àithne ùr thugaibh; a tha fìor annsan agus annaibh‑se, oir tha an dorchadas a' dol seachad agus tha an solas fìor a' deàlradh a‑cheana.

9 Ge b' e cò a chanas gu bheil e san t‑solas agus aig a bheil fuath dha bhràthair, tha e san dorchadas chun an‑dràsta fhèin.

10 Am fear a ghràdhaicheas a bhràthair, tha esan beò san t‑solas, agus chan eil adhbhar tuislidh ann.

11 Ach an neach aig a bheil fuath dha bhràthair, tha esan san dorchadas agus tha e a' coiseachd san dorchadas, agus chan eil fios aige càit a bheil e a' dol, oir dhall an dorchadas a shùilean.


Adhbharan airson Sgrìobhaidh

12 Tha mi a' sgrìobhadh thugaibhse, a chlann bheaga, oir tha ur peacaidhean air am mathadh air sgàth ainme‑san.

13 Tha mi a' sgrìobhadh thugaibhse, athraichean, a chionn 's gu bheil eòlas agaibh airsan on toiseach. Tha mi a' sgrìobhadh thugaibhse, fhir òga, a chionn 's gun tug sibh buaidh air an droch fhear.

14 Tha mi a' sgrìobhadh thugaibhse, a chlann bheaga, a chionn 's gu robh eòlas agaibh air an Athair. Sgrìobh mi thugaibhse, athraichean, a chionn 's gu bheil eòlas agaibh airsan a th' air a bhith ann on toiseach. Sgrìobh mi thugaibhse, fhir òga, a chionn 's gu bheil sibh làidir, agus gu bheil facal Dhè a' fantainn annaibh, agus gun tug sibh buaidh air an droch fhear.


Na Gràdhaichibh an Saoghal

15 Na gràdhaichibh an saoghal no na rudan a th' anns an t‑saoghal. Ma ghràdhaicheas duine sam bith an saoghal, chan eil gràdh an Athar ann.

16 Oir tha a h‑uile sìon san t‑saoghal – ana‑miannan na feòla, ana‑miannan nan sùilean agus pròis seilbh na beatha – a' tighinn, chan ann on Athair, ach on t‑saoghal.

17 Agus tha an saoghal a' dol seachad, 's a chuid ana‑miann; ach mairidh am fear a nì toil Dhè gu sìorraidh.


Rabhadh an aghaidh Ana‑Crìosdan

18 A chlann bheaga, tha an uair mu dheireadh ann, agus mar a chuala sibh gu bheil an t‑ana‑crìosd a' tighinn, eadhon a‑nis, tha mòran ana‑crìosdan air nochdadh. Mar sin, tha fios againn gu bheil an uair mu dheireadh ann.

19 Chaidh iad a‑mach bhuainne, ach cha bhuineadh iad dhuinne. Oir nam b' ann dhuinne a bhuineadh iad, bhiodh iad air fuireach còmhla rinn; ach tha an fhàgail aca a' dèanamh follaiseach nach ann dhinne a bha iad.

20 Ach tha ungadh agaibhse on Aon Naomh agus tha fios agaibh uile.

21 Cha do sgrìobh mi thugaibh a chionn 's nach eil fios agaibh air an fhìrinn, ach, a chionn 's gu bheil fios agaibh oirre agus a chionn 's nach eil breug sam bith on fhìrinn.

22 Cò e am breugaire ach esan a dh'àicheas gur e Ìosa an Crìosd? Is e seo an t‑ana‑crìosd, a tha ag àicheadh an Athar 's a' Mhic.

23 Gach neach a tha ag àicheadh a' Mhic, chan eil an t‑Athair aige: an neach a tha ag aideachadh a' Mhic, tha an t‑Athair aige cuideachd.

24 Mar sin, fanadh na chuala sibh on toiseach annaibh. Ma dh'fhanas na chuala sibh on toiseach annaibh, fanaidh sibhse cuideachd anns a' Mhac agus anns an Athair.

25 Agus 's e seo an gealladh a gheall e dhuinn – a' bheatha shìorraidh.

26 Sgrìobh mi na rudan seo thugaibh mu dheidhinn na feadhna a tha gur cur air seachran.

27 Ach mur deidhinn‑se, tha an t‑ungadh a fhuair sibh uaithesan a' fantainn annaibh, agus chan eil feum agaibh air neach sam bith airson ur teagasg. Ach mar a theagaisgeas a' cheart ungadh sibhse mun a h‑uile sìon agus gu bheil e fìor, agus nach e breug a th' ann – dìreach mar a theagaisg e sibhse, fanaibh annsan.


Clann Dhè agus am Peacadh

28 Agus a‑nis, a chlann bheaga, fuirichibh annsan airson 's nuair a nochdas e gum bi misneachd againn agus nach bi nàire oirnn ma choinneamh, aig a thighinn.

29 Ma tha fios agaibh gu bheil e fìreanta, tha fios agaibh gu bheil a h‑uile duine a nì fìreantachd air a bhreith uaithesan.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan