1 Eòin 1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Facal na Beatha 1 An rud a bh' ann o thoiseach, a chuala sinn, a chunnaic sinn ler sùilean, air an do choimhead sinn agus a làimhsich ar làmhan – mu Fhacal na beatha. 2 – agus nochd a' bheatha, agus chunnaic sinn i agus tha sinn a' toirt fianais oirre; agus tha sinn a' cur an cèill dhuibhse a' bheatha shìorraidh, a bha còmhla ris an Athar agus a chaidh a nochdadh dhuinne. 3 Tha sinn a' cur an cèill dhuibhse an rud a chunnaic agus a chuala sinn airson 's gum bi co‑chomann agaibhse cuideachd leinne. Agus tha an co‑chomann againne gu deimhinn còmhla ris an Athar agus ri a Mhac, Ìosa Crìosd. 4 Tha sinn a' sgrìobhadh seo thugaibh airson 's gum bi ar n‑aoibhneas làn. A' Coiseachd san t‑Solas 5 Agus 's e seo an teachdaireachd a chuala sinn uaithe‑san agus a tha sinn a' cur an cèill dhuibhse: gur solas Dia, agus nach eil dorchadas sam bith annsan. 6 Ma chanas sinn gu bheil co‑chomann againne ris‑san agus gu bheil sinn a' coiseachd ann an dorchadas, tha sinn breugach agus chan eil sinn a' cur na fìrinne an gnìomh. 7 Ach ma choisicheas sinn san t‑solas, mar a tha esan san t‑solas, tha co‑chomann againn ri càch‑a‑chèile, agus tha fuil Ìosa, a Mhac‑san, gar glanadh on a h‑uile peacadh. 8 Ma chanas sinn nach eil peacadh againn, tha sinn gar mealladh fhèin agus chan eil an fhìrinn annainn. 9 Ma dh'aidicheas sinn ar peacaidhean, tha esan dìleas is fìreanta gus ar peacaidhean a mhathadh agus ar glanadh on a h‑uile neo‑fhìreantachd. 10 Ma chanas sinn nach do pheacaich sinn, tha sinn a' dèanamh breugaire dheth‑san, agus chan eil fhacal‑san annainn. |