1 Corintianach 9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Còraichean Phòil mar Abstol 1 Nach eil mise saor? Nach e abstol a th' annam? Nach fhaca mi Ìosa Crìosd ar Tighearna? Nach sibhse m' obair san Tighearna? 2 Mur a h‑eil mi nam abstol do dh'fheadhainn eile, co‑dhiù tha mi dhuibhse, oir is sibhse seula m' abstolachd san Tighearna. 3 Is e seo mo dhìon dhaibhsan a chuireadh ceist orm. 4 Nach eil còir againne ithe agus òl? 5 Nach eil còir againn bean‑phòsta a thoirt leinn, mar a th' aig na h‑abstoil eile agus aig bràithrean an Tighearna agus Cèphas? 6 No an e mise 's Barnabas a‑mhàin an aon fheadhainn aig nach eil còir obair a sheachnadh? 7 Cò a bhios a' dèanamh seirbheis mar shaighdear air a chosgais fhèin? Cò a bhios a' cur fìon‑lios gun a bhith ag ithe sìon dhen toradh aige? No cò a bhios a' frithealadh treud gun a bhith a' faighinn sìon dhen bhainne aige? 8 A bheil mi ag ràdh nan rudan seo air ùghdarras dhaoine? Nach eil an Lagh ag ràdh an aon rud? 9 Oir tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, “Cha chuir thu glas‑ghuib air an damh nuair a bhios e a' saltairt an arbhair.” An ann do dhaimh a tha Dia a' gabhail cùram? 10 Nach eil e a' bruidhinn uile‑gu‑lèir air ar sgàth‑ne? Bha e sgrìobhte air ar sgàth‑ne, a chionn 's gum bu chòir dhan treabhaiche treabhadh ann an dòchas, agus dhan neach‑buailidh bualadh ann an dòchas, is roinn fhaighinn dhen toradh. 11 Ma tha sinne air rudan spioradail a chur nur measg, a bheil e cus ma bhuaineas sinn rudan stuthail uaibh? 12 Ma tha còir aig feadhainn eile air taic uaibh, nach eil barrachd, buileach againne? A dh'aindeoin sin cha do chleachd sinn a' chòir seo, ach tha sinn a' fulang rud sam bith an àite cnap‑starra a chur ro shoisgeul Chrìosd. 13 Nach aithne dhuibh gu bheil iadsan a tha a' saothrachadh ann an seirbheis an teampaill a' faighinn am biadh on teampall, agus gu bheil iadsan a tha a' dèanamh seirbheis aig an altair a' faighinn pàirt dhe na th' air ìobradh air an altair? 14 San aon dòigh, dh'àithn an Tighearna gum bu chòir dhaibhsan a tha a' cur an cèill an soisgeul am bith‑beò fhaighinn on t‑soisgeul. 15 Ach chan eil mi air na còraichean seo a chleachdadh, cha mhotha a tha mi a' sgrìobhadh nan rudan seo airson 's gun dèan sibh a leithid seo dhòmhsa. Oir b' fheàrr leam bàsachadh na gum falmhaicheadh neach sam bith mo bhòstadh. 16 Oir ma tha mise a' searmonachadh an soisgeul, chan eil adhbhar bòstaidh agam. Oir tha èiginn orm. Is mairg dhomh mura searmonaich mi an soisgeul! 17 Oir ma nì mi seo om rùn fhèin, tha duais agam, ach mura h‑ann om rùn fhèin, tha stiùbhardachd air a h‑earbsa dhomh. 18 Dè mar sin an duais a th' agam? Gum faodainn, nam shearmonachadh, an soisgeul a thairgsinn saor o chosgais, airson 's nach dèanainn làn‑fheum dhen chòir a th' agam san t‑soisgeul. Pòl a' Cleachdadh a Shaorsa 19 Oir ged a tha mi saor o na h‑uile, tha mi air mi fhèin a dhèanamh nam sheirbheiseach dha na h‑uile, airson 's gum buannaichinn barrachd dhiubh. 20 Dha na h‑Iùdhaich thàinig mi gus a bhith mar Iùdhach, airson 's gum buannaichinn Iùdhaich. Dhaibhsan a tha fon lagh thàinig mi gus a bhith fon lagh (ged nach eil mi fhèin fon lagh) airson 's gum buannaichinn iadsan a tha fon lagh. 21 Dhaibhsan air taobh a‑muigh an lagha thàinig mi gus a bhith mar aon air taobh a‑muigh an lagha (chan ann air taobh a‑muigh lagh Dhè, ach fo lagh Chrìosd) airson 's gum buannaichinn iadsan a tha air taobh a‑muigh an lagha. 22 Dhaibhsan a bha lag thàinig mi gus a bhith lag, airson 's gum buannaichinn iadsan a bha lag. Tha mi air tighinn gus a bhith nam uile nì dhan a h‑uile neach, airson 's – sa h‑uile dòigh – gun sàbhailinn cuid. 23 Tha mi ga dhèanamh uile air sgàth an t‑soisgeil, airson 's gum faodainn compàirt a ghabhail na bheannachdan. Feum air Fèin‑Smachd 24 Nach aithne dhuibh gu bheil, ann an rèis, an luchd‑ruith uile a' ruith, ach chan fhaigh ach aon dhiubh an duais? Mar sin ruithibh airson 's gum buannaich sibh i. 25 Tha a h‑uile lùth‑chleasaiche a' cur fèin‑smachd an sàs sa h‑uile sìon. Tha iad ga dhèanamh airson crùin a thèid a dhìth fhaighinn, ach sinne, tè nach tèid a dhìth. 26 Mar sin chan ann gun amas a tha mise a' ruith; chan eil mi a' bogsadh mar aon a bhuaileas an t‑adhar. 27 Ach tha mise a' smachdachadh mo chorp is ga chumail fo smachd gun fhios – às dèidh dhomh searmonachadh do dh'fheadhainn eile – nach bithinn fhèin air mo chur air chùl. |