Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Corintianach 8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Biadh air Ìobradh do dh'Iodhalan

1 A‑nis a thaobh bìdh air ìobradh do dh'iodhalan, tha fios againn “gu bheil eòlas againn uile.” Tha eòlas a' sèideadh suas; tha gaol a' togail suas.

2 Ma tha neach sam bith a' saoilsinn gur aithne dha rud sam bith, chan aithne dha fhathast mar bu chòir dha aithneachadh.

3 Ach ma tha gaol aig neach sam bith air Dia, tha esan air aithneachadh leis‑san.

4 Mar sin, a thaobh a bhith ag ithe biadh air ìobradh do dh'iodhalan, is aithne dhuinn “nach eil fìor bhith aig iodhal san t‑saoghal,” agus “nach eil Dia ann ach an t‑aon.”

5 Oir ged a dh'fhaodadh diathan, mar a chanar, a bhith ann an nèamh no air thalamh (mar dha‑rìribh a tha mòran “dhiathan” agus mòran “thighearnan” ann)

6 chan eil ann dhuinne ach aon Dia, an t‑Athair, bhon a bheil a h‑uile sìon agus dham bheil sinn beò, agus aon Tighearna, Ìosa Crìosd, trom bheil a h‑uile sìon agus trom bheil sinn beò.

7 Ge‑tà, chan eil an t‑eòlas seo aig na h‑uile. Ach tha cuid a tha cleachdte ris an iodhal thuige seo, ag ithe biadh mar gun robh e dha‑rìribh air ìobradh do dh'iodhal, agus tha an cogais, a chionn 's gu bheil i lag, air a truailleadh.

8 Cha mhol biadh sinn do Dhia. Chan eil sinn nas miosa dheth idir mura h‑ith sinn, agus chan eil sinn nas fheàrr dheth ma dh'itheas sinn.

9 Ach gabhaibh an aire nach bi ur còir, air dhòigh air choireigin, a' tighinn gus a bhith na ceap‑tuislidh dhaibhsan a tha lag.

10 Oir ma chì neach sam bith thusa, aig a bheil eòlas, ag ithe ann an teampall iodhail, nach bi e air a mhisneachadh, ma tha a chogais lag, gus a bhith ag ithe biadh air ìobradh do dh'iodhalan?

11 Mar sin, tron eòlas agadsa, tha an neach lag seo air a sgrios, am bràthair dhan do bhàsaich Crìosd.

12 Ach mar sin, a' peacachadh an aghaidh do bhràithrean, agus a' lotadh na cogais lag aca, tha thu a' peacachadh an aghaidh Chrìosd.

13 Mar sin, ma tha biadh a' toirt air mo bhràthair tuisleadh, chan ith mi feòil a‑chaoidh, airson 's nach toir mi air mo bhràthair tuisleadh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan