1 Corintianach 7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Mu Bheatha Phòsta 1 A‑nis a thaobh nan rudan mun do sgrìobh sibh: “Tha e math do dh'fhear gun beantainn ri boireannach.” 2 Ach air sgàth cùisean feise mì‑mhoralta, bu chòir do gach duine a bhean fhèin a bhith aige agus gach boireannach a fear fhèin a bhith aicese. 3 Bu chòir dhan duine a dhleastanas a choileanadh dha bhean, agus san aon dòigh a' bhean dhan fhear‑pòsta aice. 4 Oir chan eil ùghdarras aig a' bhean thairis air a corp fhèin, ach aig an fhear‑pòsta. Mar sin cuideachd chan eil ùghdarras aig an fhear‑pòsta thairis air a chorp fhèin, ach aig a' bhean‑phòsta. 5 Na cumaibh o chèile, ach 's dòcha le cead a chèile airson ùine ghoirid, airson 's gun coisrig sibh sib' fhèin do dh'ùrnaigh, ach an uair sin thigibh còmhla a‑rithist, airson 's nach buair an Sàtan sibh air sgàth cion ur fèin‑smachdachaidh. 6 A‑nis 's ann mar nì ceadaichte, chan ann mar àithne, a tha mi ag ràdh seo. 7 Bu mhiann leam gun robh na h‑uile mar a tha mi fhèin. Ach tha a thiodhlac fhèin aig a h‑uile neach o Dhia, aon de dh'aon seòrsa agus aon de sheòrsa eile. 8 Riuthasan nach eil pòsta agus ri na banntraichean tha mi ag ràdh gu bheil e math dhaibh fuireach gun a bhith pòsta mar a tha mise. 9 Ach mura h‑eil fèin‑smachdachadh aca, bu chòir dhaibh pòsadh. Oir tha e nas fheàrr pòsadh na bhith a' losgadh le miann. 10 Dhaibhsan a tha pòsta tha mi a' toirt na h‑àithne seo (cha mhise, ach an Tighearna): cha bu chòir dhan bhean dealachadh o a fear‑pòsta 11 ach ma dhealaicheas, fanadh i gun phòsadh, no bitheadh i rèidh ri a fear‑pòsta agus cha bu chòir dhan fhear‑pòsta dealachadh‑pòsaidh a dhèanamh ri bhean. 12 Ris a' chòrr tha mise ag ràdh (mise, 's chan e an Tighearna) ma tha bean a tha na h‑ana‑creidmheach aig bràthair sam bith, agus a tha deònach fuireach còmhla ris, cha bu chòir dha dealachadh‑pòsaidh a dhèanamh rithe. 13 Ma tha fear‑pòsta a tha na eas‑creidmheach aig boireannach sam bith, agus a tha deònach fuireach còmhla rithe, cha bu chòir dhi dealachadh‑pòsaidh a dhèanamh ris. Mu Atharrachadh Staid‑Phòsta 14 Oir tha am fear‑pòsta eas‑creidmheach air a dhèanamh naomh leis a' bhean‑phòsta, agus tha a' bhean‑phòsta eas‑creidmheach air a dèanamh naomh le a fear‑pòsta. Oir air a chaochladh, bhiodh ur clann neòghlan, ach mar a tha e, tha iad naomh. 15 Ach ma dhealaicheas an t‑ana‑creidmheach, leigibh leis dealachadh. Ann an leithid seo de shuidheachaidhean chan eil bràthair no piuthar fo dhaorsa. 'S ann gu sìth a tha Dia air ur gairm. 16 Oir ciamar a tha fios agad, a bhean‑phòsta, nach sàbhail thu d' fhear‑pòsta? No ciamar a tha fios agadsa, fhir‑pòsta, nach sàbhail thusa do bhean‑phòsta? 17 Ach, gun robh gach neach beò san dòigh‑beatha a chuir an Tighearna air leth dha, agus dham bheil Dia air a ghairm. Is i seo mo riaghailt sna h‑eaglaisean gu lèir. 18 An robh fear sam bith aig àm a ghairm‑san air a thimcheall‑ghearradh mu thràth? Na tigeadh e gus a bhith neo‑thimcheall‑gheàrrte. An robh fear sam bith aig àm a ghairm‑san neo‑thimcheall‑gheàrrte? Na sireadh e timcheall‑ghearradh. 19 Chan eil sìon ann an timcheall‑ghearradh agus chan eil sìon ann an neo‑thimcheall‑ghearradh, ach 's e a tha cunntais: a bhith a' cumail àithntean Dhè. 20 Bu chòir do gach neach fantainn san staid san deach a ghairm. 21 An robh thu nad thràill nuair a chaidh do ghairm? Na bi fo chùram mu dheidhinn. Ach mas urrainn dhut do shaorsa fhaotainn, gabh an cothrom. 22 Oir tha esan a chaidh a ghairm san Tighearna is e na thràill, na dhuine saor leis an Tighearna. Anns an aon dòigh tha esan a bha saor nuair a chaidh a ghairm na thràill le Crìosd. 23 Chaidh ur ceannach air prìs; na tionndaidhibh nur tràillean do dhaoine. 24 A bhràithrean, feumaidh gach neach fantainn le Dia san staid san deach a ghairm. Mu Dhaoine Nach Eil Pòsta 25 A‑nis a thaobh òighean, chan eil àithne agam on Tighearna, ach tha mi a' toirt mo bheachd, mar aon a tha, tro thròcair an Tighearna, airidh air earbsa. 26 Tha mi a' smaoineachadh, air sgàth na h‑àmhghar a th' ann an‑dràsta, gu bheil e math do neach fantainn mar a tha e. 27 A bheil thu ceangailte ri bean? Na sir a bhith saor. A bheil thu saor o bhean? Na sir bean. 28 Ach ma phòsas tu, chan eil thu air peacachadh, agus ma phòsas òigh, chan eil i air peacachadh. A dh'aindeoin sin bidh buairidhean feòlmhor acasan a phòsas, agus chaomhaininn sibh. 29 Is e seo a tha mi ag ràdh a bhràithrean: tha an ùine air fàs goirid. O seo suas biodh iadsan aig a bheil mnathan beò mar nach robh gin aca; 30 agus iadsan a tha ri caoidh, mar iadsan nach robh a' caoidh; agus iadsan a tha a' dèanamh gàirdeachais, mar iadsan nach robh a' dèanamh gàirdeachais; agus iadsan a tha a' ceannach, mar nach robh seilbh aca; 31 agus iadsan a tha a' cleachdadh an t‑saoghail, mar nach robh gnothach aca ris. Oir tha an cruth a th' air an t‑saoghal an‑dràsta a' dol seachad. 32 Tha mi ag iarraidh gum bi sibh saor o chùraman. Tha an duine nach eil pòsta fo chùram mu rudan an Tighearna – mar a thoilicheas e an Tighearna. 33 Ach tha an duine pòsta fo chùram mu rudan an t‑saoghail – mar a thoilicheas e a bhean – 34 agus tha na h‑ùidhean aige air an roinn. Tha am boireannach nach eil pòsta no a tha na h‑òigh fo chùram mu rudan an Tighearna, airson 's gum bi i naomh ann an corp agus ann an spiorad. Ach tha am boireannach a tha pòsta fo chùram mu rudan saoghalta – mar a thoilicheas i a fear‑pòsta. 35 Tha mi ag ràdh seo airson ur buannachd fhèin, chan ann airson bacadh a chur oirbh, ach airson deagh òrdugh a mholadh agus airson ur cràbhadh neo‑roinnte dhan Tighearna a dhèanamh cinnteach. 36 Ma tha neach sam bith a' smaoineachadh nach eil e ga ghiùlain fhèin gu ceart a thaobh a leannain, ma tha i seachad air a h‑òige, agus ma dh'fheumas e a bhith mar sin, dèanadh e mar a tha e ag iarraidh, chan eil e a' peacachadh; pòsadh iad. 37 Ach an duine a th' air an gnothach a shuidheachadh na chridhe fhèin, gun a bhith fo èiginn, agus aig a bheil smachd air a thoil fhèin agus a th' air seo a chur roimhe na chridhe, gun a mhaighdean a phòsadh – nì e gu math. 38 Mar sin tha esan a phòsas a mhaighdean a' dèanamh gu math, agus tha esan a tha a' seachnadh a phòsaidh a' dèanamh nas fheàrr. 39 Tha boireannach ceangailte ri a fear‑pòsta cho fada 's a tha e beò. Ach ma bhàsaicheas a fear‑pòsta, tha i saor a bhith pòsta ri ge b' e cò a dh'iarras i, ach a‑mhàin san Tighearna. 40 Nam bheachd‑sa tha i nas toilichte ma dh'fhanas i mar a tha i – agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil Spiorad Dhè agamsa cuideachd. |