1 Corintianach 6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Cùisean‑Lagha am measg Chreidmheach 1 Nuair a bhios cùis aig aon agaibh an aghaidh aoin eile, a bheil de dhànadas aige a dhol gu lagh mu choinneamh nan eucoireach an àite mu choinneamh nan naomh? 2 No nach aithne dhuibh gun toir na naoimh breith air an t‑saoghal? Agus ma tha an saoghal gu bhith air a chur fo bhreitheanas leibhse nach eil sibh an comas air a bhith nur britheamhan air cùisean suarach. 3 Nach aithne dhuibh gun toir sinne breith air ainglean? Nach mòr nas motha na sin, ma‑thà, cùisean na beatha seo? 4 Mar sin ma tha a leithid sin de chùisean agaibh, carson a tha sibh gan sìneadh sìos mun coinneamh‑san aig nach eil seasamh sam bith san eaglais? 5 Tha mi ag ràdh seo gur nàire. An urrainn dha a bhith nach eil neach sam bith nur measg a tha glic gu leòr airson breith a thoirt eadar a bhràithrean, 6 ach tha bràthair a' dol gu lagh an aghaidh bràthar, agus seo mu choinneamh nan eas‑creidmheach? 7 Ann am fìrinn, tha e na chall dhuibh gu bheil cùisean‑lagha agaibh mu thràth. Carson nach b' fheàrr leibh ceàrr fhulang? Carson nach b' fheàrr leibh foill fhulang? 8 Ach tha sibhse sib' fhèin a' dèanamh ceàrr is foill – fiù 's air ur bràithrean fhèin. 9 Nach aithne dhuibh nach sealbhaich na h‑eucoirich rìoghachd Dhè? Na bithibh air ur mealladh, cha shealbhaich luchd‑strìopachais, no luchd‑iodhal‑adhraidh, no luchd‑adhaltranais, no daoine boireannta no fir a tha ri fearas‑feise, 10 no mèirlich, no luchd‑sannta, no misgeirean, no luchd‑cùl‑chàinidh, no luchd‑foille, rìoghachd Dhè. 11 Agus bha cuid agaibhse mar sin. Ach chaidh ur nighe, chaidh ur naomhachadh, chaidh ur fìreanachadh ann an ainm an Tighearna Ìosa Crìosd agus le Spiorad ar Dè‑ne. Feise Mhì‑Mhoralta 12 “Tha a h‑uile sìon laghail dhòmhsa,” ach chan eil a h‑uile sìon buannachdail. “Tha a h‑uile sìon laghail dhòmhsa,” ach cha bhi mi air mo chur fo smachd le nì sam bith. 13 “Tha am biadh airson na stamaig is an stamag airson a' bhìdh” – agus sgriosaidh Dia an dà chuid – aon fhear 's am fear eile. Chan ann airson feise mhì‑mhoralta a tha an corp, ach airson an Tighearna, agus an Tighearna airson a' chuirp. 14 A‑nis thog Dia suas an Tighearna agus togaidh e sinne cuideachd le a chumhachd. 15 Nach aithne dhuibh gu bheil ur cuirp nam buill do dh'Ìosa? An gabh mi mar sin buill Chrìosd agus an dèan mi nam buill strìopaich iad? Na tachradh e gu bràth! 16 No nach aithne dhuibh gu bheil esan a th' air aonadh ri strìopaich na aon chorp leatha? Oir tha e air a ràdh, “Thig an dithis gus a bhith nan aon fheòil.” 17 Ach tha esan a th' air aonadh ris an Tighearna a' tighinn gus a bhith na aon spiorad leis‑san. 18 Teichibh o fheise mhì‑mhoralta. Tha a h‑uile peacadh a nì neach air taobh a‑muigh a' chuirp, ach tha an neach a tha ri feise mhì‑mhoralta a' peacachadh an aghaidh a chuirp fhèin. 19 No nach aithne dhuibh gu bheil ur corp na theampall dhan Spiorad Naomh a tha nur broinn, a th' agaibh o Dhia, agus nach ann leib' fhèin a tha sibh? 20 Oir chaidh ur ceannach le prìs. Mar sin glòirichibh Dia le ur cuirp. |