1 Corintianach 5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Tilgibh a‑mach am Bràthair Mì‑Mhoralta 1 Tha e dha‑rìribh air aithris dhomh gu bheil mì‑mhoraltachd feise nur measg, agus de sheòrsa nach eil a' tachairt fiù 's am measg nam pàganach, oir tha bean athar aig fear. 2 Agus tha sibh air ur sèideadh suas! An àite sin nach bu chòir dhuibh a bhith ri bròn? Bitheadh esan a rinn seo air a thoirt air falbh o ur measg. 3 Oir ged nach eil mi còmhla ribh sa chorp, tha mi an làthair ann an spiorad; agus mar gun robh mi an làthair, tha mi mu thràth air breith a thoirt air an neach a rinn a leithid de rud. 4 Nuair a tha sibh air ur cruinneachadh an ceann a chèile ann an ainm ar Tighearna Ìosa agus mo spiorad‑sa an làthair, le cumhachd ar Tighearna Ìosa, 5 tha agaibh ris an duine seo a thoirt thairis do Shàtan airson sgrios na feòla, airson 's gum bi a spiorad air a shàbhaladh air latha ar Tighearna. 6 Chan eil ur bòstadh math. Nach aithne dhuibh gun goirtich beagan de thaois ghoirt an cnap gu lèir? 7 Glanaibh a‑mach an t‑seann taois ghoirt, airson 's gum bi sibh nur cnap ùr mar a tha sibh dha‑rìribh neo‑ghortaichte. Oir tha Crìosd, ar n‑uan‑Càisge, air a bhith air ìobradh. 8 Cumamaid mar sin an Fhèill, chan ann le seann taois ghoirt, taois ghoirt a' mhìoruin 's an uilc, ach le aran neo‑ghortaichte an dùrachdais 's na fìrinn. 9 Sgrìobh mi thugaibh nam litir gun sibh a bhith ann an comann le feadhainn a tha mì‑mhoralta a thaobh feise – 10 chan ann idir a' ciallachadh iadsan a tha mì‑mhoralta a thaobh feise san t‑saoghal, no luchd‑sannta, no luchd‑foille, no luchd‑iodhal‑adhraidh, on a dh'fheumadh sibh an uair sin a dhol a‑mach às an t‑saoghal. 11 Ach a‑nis tha mi a' sgrìobhadh thugaibh gun sibh a bhith ann an comann le neach sam bith aig a bheil an t‑ainm bràthair ma tha e ciontach de mhì‑mhoraltachd feise no de shannt, no a tha na neach‑iodhal‑adhraidh, na neach‑càinidh, na mhisgeir, no na neach‑foille – na ithibh fiù 's còmhla ri a leithid seo. 12 Oir dè mo ghnothach‑sa breith a thoirt orrasan a tha a‑muigh? Nach iadsan a th' air an taobh a‑staigh air an toir sibh breith? 13 Tha Dia a' toirt breith orrasan a th' air an taobh a‑muigh, “Cuiribh air falbh an duine olc o ur measg.” |