Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Corintianach 4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Nàdar Fìor Abstolachd

1 Is ann mar seo a bu chòir do neach ar meas, mar sheirbheisich do Chrìosd agus stiùbhardan de dhìomhaireachdan Dhè.

2 A thuilleadh air a seo, tha e air iarraidh air stiùbhardan gum bi iad air am faighinn airidh air earbsa.

3 Ach leamsa 's e rud fìor bheag a th' ann gum bithinn air mo chur fo bhreith leibhse, no le cùirt dhaonna sam bith. Gu dearbh, chan eil mi fiù 's a' toirt breith orm fhèin.

4 Chan eil mi mothachail air rud sam bith nam aghaidh fhèin, ach chan eil mi air m' fhuasgladh le sin. Is e an Tighearna a tha a' toirt breith orm.

5 Mar sin na toiribh breith ron àm, mus tig an Tighearna, a bheir gu solas an dà chuid na rudan a tha a‑nis falaichte ann an dorchadas agus a dh'fhoillsicheas rùintean a' chridhe. An uair sin gheibh gach aon cliù o Dhia.

6 A‑nis, a bhràithrean, tha mi air na rudan seo fhàgail orm fhèin agus air Apollos airson ur buannachd‑se airson 's gun ionnsaich sibh tromhainne gun a bhith a' dol seachad air na tha sgrìobhte, airson 's nach bi gin agaibh air ur sèideadh suas airson aon duine an aghaidh duine eile.

7 Oir cò a chì rud sam bith diofraichte annadsa? Dè a th' agad nach d' fhuair thu? Ma fhuair thu e, mar sin, carson a tha thu a' bòstadh mar nach d' fhuair thu e?

8 Mu thràth tha a h‑uile sìon agaibh a tha sibh ag iarraidh. Mu thràth tha sibh air fàs beairteach! Às ar n‑aonais tha sibh air tighinn gus a bhith a' riaghladh! Agus mhiannaichinn gun robh sibh a' riaghladh, airson 's gun robh sinne a' riaghladh còmhla ribh!

9 Oir tha mi a' smaoineachadh gu bheil Dia air sinne, na h‑abstoil, a thaisbeanadh mar nas lugha na na h‑uile, mar dhaoine fo bhinn bàis, a chionn 's gu bheil sinn air tighinn gus a bhith nar sealladh dhan t‑saoghal, do dh'ainglean, agus do dhaoine.

10 Tha sinne nar n‑amadain air sgàth Chrìosd, ach tha sibhse glic ann an Crìosd. Tha sinne lag, ach tha sibhse làidir. Tha sibhse air ur faicinn ann an urram, ach sinne ann an eas‑urram.

11 Gus an uair seo fhèin, tha sinn acrach is pàiteach, tha sinn air ar n‑èideadh gu truagh is air ar bualadh le dùirn is gun dachaigh,

12 agus tha sinn a' saothrachadh le ar làmhan fhèin. Nuair a tha sinn fo ana‑cainnt, tha sinn a' beannachadh; nuair a tha sinn fo gheur‑leanmhainn, tha sinn ga fhulang;

13 nuair a tha sinn fo chùl‑chàineadh, tha sinn a' guidhe. Tha sinn air tighinn gus a bhith mar shalchar an t‑saoghail, mar threallaich gach nì, eadhon thuige seo.


Tagradh agus Rabhadh Phòil

14 Chan eil mi a' sgrìobhadh nan rudan seo airson nàire a chur oirbh, ach airson ur comhairleachadh mar mo chloinn ghràdhaich.

15 Oir ged a bhitheadh deich mìle luchd‑teagaisg agaibh ann an Crìosd, chan eil mòran athraichean agaibh. Oir ann an Crìosd Ìosa thàinig mise gus a bhith nam athair dhuibh san t‑soisgeul.

16 Tha mi a' guidhe oirbh, mar sin, bithibh nur luchd‑leanmhainn ormsa.

17 Is ann air an adhbhar seo a chuir mi Timòteus thugaibh, mo mhac gràdhaichte is dìleas san Tighearna, airson cuimhneachadh dhuibh mum dhòighean‑sa ann an Crìosd Ìosa, mar a tha mi gan teagasg sa h‑uile h‑àite, sa h‑uile h‑eaglais.

18 Tha cuid air an sèideadh suas, mar nach robh mi idir a' tighinn thugaibh.

19 Ach thig mi thugaibh a dh'aithghearr, ma rùnaicheas an Tighearna, agus gheibh mi a‑mach, chan ann mu chainnt na muinntir seo a th' air an sèideadh suas, ach mun cumhachd‑san.

20 Oir chan eil rìoghachd Dhè air a dèanamh de dh'fhaclan ach de chumhachd.

21 Dè as fheàrr leibh? An tig mi thugaibh le slait, no ann an gaol agus le spiorad na ciùine?

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan