Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Corintianach 2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Nuair a thàinig mise thugaibh, a bhràithrean, cha tàinig mi thugaibh a' cur an cèill dìomhaireachd Dhè le cainnt uachdarach no gliocas.

2 Oir chuir mi romham gun eòlas a chur air rud sam bith nur measg ach Ìosa Crìosd agus esan air a cheusadh.

3 Agus bha mi còmhla ribh ann an laigse is ann an eagal is ann am mòran ball‑chrith

4 agus cha robh mo bhruidhinn is mo shearmonachadh ann am briathran gliocais a tharraingeas neach a thaobh, ach ann an taisbeanadh an Spioraid 's a' chumhachd,

5 airson 's nach biodh ur creideamh‑se ann an gliocas dhaoine ach ann an cumhachd Dhè.


Gliocas Dhè air Fhoillseachadh tron Spiorad

6 A dh'aindeoin sin am measg nan inbheach tha sinn a' bruidhinn gliocas, ged nach e gliocas na linne seo a th' ann no gliocas riaghladairean na linne seo, a tha a' tighinn gu neoni.

7 Ach tha sinn a' bruidhinn dìomhaireachd fhalaichte Dhè, a dh'òrdaich Dia ron t‑saoghal airson ar glòir‑ne.

8 Cha do thuig gin de riaghladairean an t‑saoghail seo, oir nan robh iad air tuigsinn, cha bhiodh iad air Tighearna na glòire a cheusadh.

9 Ach, mar a tha e sgrìobhte: “Chan fhaca sùil, cha chuala cluas, agus cha tàinig a‑steach do chridhe duine na rudan a dh'ullaich Dia dhaibhsan aig a bheil gràdh dha” –

10 na rudan sin, tha Dia air fhoillseachadh dhuinne tron Spiorad. Oir tha an Spiorad a' rannsachadh a h‑uile sìon, fiù 's rudan domhain Dhè.

11 Oir cò dhan aithne smuaintean neach ach spiorad an neach sin fhèin, a tha na bhroinn? Mar sin cuideachd chan eil neach sam bith a' tuigsinn smuaintean Dhè ach Spiorad Dhè.

12 A‑nis tha sinn air sealbhachadh, chan e spiorad an t‑saoghail, ach an Spiorad a tha o Dhia, airson 's gun tuigeamaid na rudan a chaidh a thoirt dhuinn gu saor le Dia.

13 Agus tha sinn a' bruidhinn nan rudan sin ann am briathran nach deach an teagasg le gliocas dhaoine, ach a chaidh an teagasg leis an Spiorad, ag eadar‑mhìneachadh rudan spioradail dhaibhsan a tha spioradail.

14 Chan eil an neach nàdarra a' gabhail ri rudan Spiorad Dhè, oir tha iad nan amaideachd dha, agus chan eil e an comas dha an tuigsinn a chionn 's gu bheil iad air an tuigsinn gu spioradail.

15 Tha an neach spioradail a' tuigsinn a h‑uile sìon, ach chan eil e fhèin ri bhith air a chur fo bhreith le neach sam bith:

16 “Oir cò dham b' aithne inntinn an Tighearna airson 's gun teagaisgeadh e e?” Ach tha inntinn Chrìosd againne.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan