1 Corintianach 15 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Aiseirigh Chrìosd 1 A‑nis dhèanainn aithnichte dhuibh, a bhràithrean, an soisgeul a shearmonaich mi dhuibh, a fhuair sibhse cuideachd, agus anns a bheil sibh nur seasamh, 2 trom bheil sibh cuideachd air ur sàbhaladh – ma chumas sibh gu daingeann am facal a shearmonaich mi dhuibh – mur do chreid sibh gu dìomhain. 3 Oir thug mi dhuibh mar phrìomh rud an nì a fhuair mise cuideachd: gun d' fhuair Crìosd bàs airson ar peacaidhean a rèir nan Sgriobtar, 4 agus gun deach adhlacadh, is gun do dh'èirich e a‑rithist air an treas latha a rèir nan Sgriobtar 5 agus gun do nochd e do Chèphas is an uair sin dhan dà‑fhear‑dheug. 6 Às dèidh sin, nochd e e fhèin do bharrachd air còig cheud bràthair aig an aon àm, a' mhòr chuid dhiubh a tha beò gus a‑nis, ach tha cuid dhiubh air tuiteam nan cadal. 7 Às dèidh sin nochd e e fhèin do Sheumas, an uair sin dha na h‑abstoil gu lèir, 8 agus mu dheireadh thall, nochd e e fhèin dhòmhsa cuideachd, mar neach a rugadh ann an an‑àm. 9 Oir is mise as lugha dhe na h‑abstoil, nach eil airidh air abstol a ghabhail orm, a chionn 's gun robh mi a' geur‑leanmhainn eaglais Dhè. 10 Ach tro ghràs Dhè is mi an nì a th' annam, agus cha robh a ghràs dham thaobh‑sa gun buaidh; ach shaothraich mi barrachd na iad uile, a dh'aindeoin sin cha bu mhise, ach gràs Dhè a tha còmhla rium. 11 Mar sin, ge b' e mise a bh' ann no iadsan, mar seo tha sinne a' searmonachadh agus mar seo chreid sibhse. Aiseirigh nam Marbh 12 A‑nis ma tha Crìosd air a shearmonachadh, gun deach a thogail o na mairbh, ciamar a tha cuid nur measg‑se ag ràdh nach eil aiseirigh nam marbh ann? 13 Ach mura h‑eil aiseirigh nam marbh ann, cha deach fiù 's Crìosd a thogail suas. 14 Agus mura deach Crìosd a thogail suas, mar sin tha ar searmonachadh dìomhain, agus tha ur creideamh‑se dìomhain cuideachd. 15 Agus tha sinne air ar faighinn nar fianaisean brèige air Dia, a chionn 's gun tug sinn fianais a thaobh Dhè, gun do thog e suas Crìosd – am fear nach do thog e suas, mura h‑eil na mairbh air an togail suas. 16 Oir mura h‑eil na mairbh air an togail suas, cha mhotha a chaidh Crìosd a thogail suas. 17 Agus mura deach Crìosd a thogail suas, tha ur creideamh‑se dìomhain; tha sibh fhathast nur peacaidhean. 18 Mar sin cuideachd tha iadsan a chaidil ann an Crìosd air an sgrios. 19 Mas ann sa bheatha seo a‑mhàin a tha dòchas againn ann an Crìosd, tha sinn nas airidh air truas na daoine sam bith. 20 Ach a‑nis chaidh Crìosd a thogail suas o na mairbh, ciad‑thoradh na feadhna a chaidil. 21 Oir mar a thàinig am bàs tro dhuine, thig aiseirigh nam marbh cuideachd tro dhuine. 22 Oir mar a tha a h‑uile neach a' bàsachadh ann an Àdhamh, mar sin cuideachd, thèid a h‑uile neach a dhèanamh beò ann an Crìosd. 23 Ach gach neach na òrdugh fhèin: Crìosd a' chiad‑thoradh, às dèidh sin iadsan a tha le Crìosd aig a thighinn. 24 An uair sin thig an deireadh, nuair a bheir e suas an rìoghachd do Dhia an t‑Athair, nuair a chuireas e às dhan a h‑uile riaghaltas agus dhan a h‑uile h‑ùghdarras is cumhachd. 25 Oir feumaidh esan riaghladh gus an cuir e a nàimhdean gu lèir fo a chasan. 26 Is e an nàmhaid mu dheireadh a thèid a sgrios, am bàs. 27 Oir “chuir e a h‑uile sìon fo smachd – fo a chasan.” Ach nuair a tha e ag ràdh gun do chuir e “a h‑uile sìon” fo smachd, tha e follaiseach gu bheil esan a chuir a h‑uile sìon fo smachd air leth on a seo. 28 Nuair a thèid a h‑uile sìon a chur fo a smachd, an uair sin bidh am Mac fhèin fo smachd an Aoin a chuir a h‑uile sìon fo a smachd‑san, airson 's gum bi Dia nan uile anns na h‑uile. 29 No, dè a nì iadsan a chaidh a bhaisteadh airson nam marbh? Mura h‑eil na mairbh air an togail suas idir, carson mar sin a tha iad air am baisteadh air an son? 30 Agus carson a tha sinne ann an cunnart gach uair? 31 Tha mi a' dearbhadh, a bhràithrean, tron bhòstadh agam mur deidhinn ann an Crìosd Ìosa ar Tighearna; gu bheil mi a' bàsachadh a h‑uile latha. 32 Mas ann a rèir dòchais dhaonna a rinn mi sabaid ri beathaichean fiadhaich ann an Ephesus, dè a' bhuannachd a th' agam? Mura h‑eil na mairbh air an togail an‑àirde, “Itheamaid agus òlamaid, oir a‑màireach gheibh sinn bàs.” 33 Na bithibh air ur mealladh, “Truaillidh droch chuideachd deagh bheusan.” 34 Thigibh gur ciall mar a bu chòir dhuibh, agus na peacaichibh; oir tha aineolas air Dia aig cuid, tha mi ag ràdh seo gu ur nàire. Corp na h‑Aiseirigh 35 Ach canaidh cuideigin, “Ciamar a dh'èireas na mairbh? Agus dè an seòrsa cuirp leis an tig iad?” 36 Amadain! An nì sin a chuireas tu, cha tig e beò, mura bàsaich e an toiseach. 37 Agus an nì a chuireas tu, chan e an corp a bhios ann a chuireas tu, ach gràinne lom, faodaidh e a bhith de chruithneachd, no de sheòrs air choreigin eile. 38 Ach tha Dia a' toirt cuirp dha mar as toigh leis, agus do gach seòrsa sìl, a chorp fhèin. 39 Chan e an aon fheòil a th' anns a h‑uile feòil, ach tha aon fheòil aig daoine, agus feòil eile aig ainmhidhean, feòil eile aig eòin, agus feòil eile aig èisg. 40 Agus tha cuirp nèamhaidh ann, is cuirp thalmhaidh, ach tha aon ghlòir aig an fheadhainn nèamhaidh agus glòir eile aig an fheadhainn thalmhaidh. 41 Tha aon ghlòir aig a' ghrèin, agus glòir eile aig a' ghealaich, agus glòir eile aig na rionnagan; oir tha rionnag eadar‑dhealaichte o rionnaig eile a thaobh glòire. 42 Agus 's ann mar seo a bhios aiseirigh nam marbh: tha e air a chur ann an truaillidheachd, tha e air a thogail suas ann an neo‑thruaillidheachd. 43 Thèid a chur ann an eas‑urram, tha e air a thogail suas ann an glòir. Tha e air a chur ann an laigse, èiridh e ann an cumhachd. 44 Tha e air a chur na chorp nàdarra, tha e air a thogail suas na chorp spioradail. Ma tha corp nàdarra ann, tha corp spioradail ann cuideachd. 45 Mar sin cuideachd tha e sgrìobhte, “Thàinig a' chiad duine, Àdhamh, gus a bhith na anam beò”; an t‑Àdhamh mu dheireadh, na Spiorad a bheothaicheas. 46 Ach chan e an rud spioradail a bh' ann an toiseach, ach an rud nàdarra; agus an uair sin an rud spioradail. 47 Bha a' chiad duine on talamh, dèante on ùir; an dara duine, an Tighearna, o nèamh. 48 Mar a bha esan dèante on ùir, mar sin cuideachd tha iadsan dèante on ùir, agus mar a tha an duine nèamhaidh, mar sin cuideachd tha iadsan a tha nèamhaidh. 49 Agus dìreach mar a ghiùlain sinn ìomhaigh an duine dèante on ùir, giùlainidh sinn cuideachd ìomhaigh an duine nèamhaidh. 50 A‑nis tha mi ag ràdh seo, a bhràithrean, nach urrainn do dh'fheòil is do dh'fhuil rìoghachd Dhè a shealbhachadh, cha mhotha a shealbhaicheas truaillidheachd neo‑thruaillidheachd. 51 Seallaibh! Tha mi ag innse dìomhaireachd dhuibh. Cha chaidil sinn uile, ach thèid sinn uile atharrachadh, 52 ann an tiota, ann am priobadh na sùla, aig an trompaid dheireannach. Oir sèididh an trompaid, agus thèid na mairbh a thogail neo‑thruaillidh, is thèid sinne ar n‑atharrachadh. 53 Oir feumaidh an corp truaillidh seo neo‑thruaillidheachd a chur air, agus an corp bàsmhor seo neo‑bhàsmhorachd a chur air. 54 Ach nuair a chuireas an corp truaillidh seo neo‑thruaillidheachd air, agus a chuireas an corp bàsmhor seo neo‑bhàsmhorachd air, an uair sin thèid am facal a tha sgrìobhte a choileanadh, “Chaidh am bàs a shlugadh suas ann am buaidh.” 55 “A bhàis, càit a bheil do bhuaidh? A bhàis, càit a bheil do ghath?” 56 Is e gath a' bhàis, am peacadh, agus is e cumhachd a' pheacaidh, an lagh. 57 Ach taing do Dhia, a tha a' toirt na buaidhe dhuinn, tro ar Tighearna Ìosa Crìosd. 58 Mar sin, mo bhràithrean gràdhaichte, bithibh daingeann, neo‑ghluasadach, an‑còmhnaidh a' meudachadh ann an obair an Tighearna, is fios agaibh nach eil ur saothair dìomhain san Tighearna. |