1 Corintianach 14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017Adhradh a Tha Soilleir a Thuigsinn 1 Leanaibh gaol, agus miannaichibh tiodhlacan spioradail gu dùrachdach, ach gu sònraichte gun dèanadh sibh fàidheadaireachd. 2 Oir an neach a bhruidhneas ann an teangaidh, chan ann ri daoine a bhruidhneas e, ach ri Dia, oir chan eil neach sam bith ga thuigsinn, ged a tha e a' bruidhinn rùintean dìomhair san Spiorad. 3 Ach an neach a tha a' dèanamh fàidheadaireachd, tha e a' bruidhinn ri daoine airson an togail suas, am misneachadh 's an cofhurtachadh. 4 Tha an neach a tha a' bruidhinn ann an teangaidh ga thogail fhèin suas, ach an neach a nì fàidheadaireachd, tha e a' togail suas na h‑eaglaise. 5 A‑nis bu toigh leam gum bruidhneadh sibh uile le teangannan, ach b' fheàrr leam gun dèanadh sibh fàidheadaireachd. Tha an neach a nì fàidheadaireachd nas motha na an neach a bhruidhneas ann an teangannan, mura h‑eadar‑theangaich cuideigin, airson 's gum biodh an eaglais air a togail suas. 6 A‑nis, a bhràithrean, ma thig mi thugaibh a' bruidhinn le teangannan, dè a' bhuannachd a nì mi dhuibh mura bruidhinn mi ribh ann an taisbeanadh, no ann an eòlas, no ann am fàidheadaireachd, no ann an teagasg? 7 Fiù 's ionnsramaidean gun bheatha a nì fuaim, mas duiseal no clàrsach, mura nochd iad eadar‑dhealachadh nam fuaimean, ciamar a thèid an nì a thèid a chluiche air an duiseal no air a' clàrsaich aithneachadh? 8 Oir ma bheir an trombaid fuaim neo‑chinnteach aiste, cò a dh'ullaicheas e fhèin airson cogaidh? 9 Agus mar sin leibhse, mura bruidhinn sibh briathran soilleir leis an teangaidh, ciamar a thèid an nì a chaidh a ràdh a thuigsinn? Oir bidh sibh a' bruidhinn dhan adhar. 10 Chan eil teagamh nach eil mòran chànan san t‑saoghal, agus chan eil a h‑aon dhiubh gun seagh. 11 Air an adhbhar sin, mura tuig mi brìgh a' chànain, bidh mi nam choigreach dhan neach a bhruidhneas, agus bidh an neach a bhruidhneas na choigreach dhòmhsa. 12 Mar sin leibhse, bhon a tha sibh dealasach airson tiodhlacan spioradail, siribh gum biodh sibh barraichte ann a bhith a' togail suas na h‑eaglaise. 13 Air an adhbhar sin, dèanadh an neach a bhruidhneas ann an teangaidh ùrnaigh gun eadar‑theangaicheadh e. 14 Oir ma nì mise ùrnaigh ann an teangaidh, tha mo spiorad a' dèanamh ùrnaigh, ach tha m' inntinn neo‑thorrach. 15 Dè mar sin a nì mi? Nì mi ùrnaigh leis an spiorad agus nì mi ùrnaigh leis an inntinn cuideachd; seinnidh mi leis an spiorad, agus seinnidh mi leis an inntinn cuideachd. 16 No ma bheannaicheas tu leis an spiorad a‑mhàin, ciamar a chanas an neach a tha ann an suidheachadh neo‑fhoghlaimte “Amen” rid thaingealachd, nuair nach aithne dha dè a tha thu ag ràdh? 17 Oir dh'fhaodadh tusa a bhith a' toirt taing gu math, ach chan eil an neach eile air a thogail suas. 18 Tha mi a' toirt taing do Dhia gu bheil mi a' bruidhinn le teangannan barrachd air na tha sibhse uile; 19 ach a dh'aindeoin sin, san eaglais b' fheàrr leam còig faclan a bhruidhinn lem inntinn airson 's gun teagaisginn daoine eile cuideachd, na deich mìle facal ann an teangaidh. 20 A bhràithrean, na bithibh nur leanabanan nur smaoineachadh; a dh'aindeoin sin bithibh nur leanabanan ann am mì‑rùn, ach ann an tuigse bithibh nur n‑inbhich. 21 San lagh tha e sgrìobhte: “Tro dhaoine le teangannan coimheach agus le bilean choigreach bruidhnidh mi ris an t‑sluagh seo, ach a dh'aindeoin sin uile chan èist iad rium,” tha an Tighearna ag ràdh. 22 Mar sin, ma‑thà, tha teangannan nan comharra, chan ann dhaibhsan a tha a' creidsinn ach dhaibhsan nach eil a' creidsinn, ach tha fàidheadaireachd na comharra, chan ann dhaibhsan nach eil a' creidsinn, ach dhaibhsan a tha a' creidsinn. 23 Mar sin ma chruinnicheas an eaglais gu lèir còmhla agus gum bruidhinn iad uile le teangannan, agus gun tig daoine cumanta no eas‑creidmheach a‑steach, nach can iad gu bheil an cuthach oirbh? 24 Ach ma nì iad uile fàidheadaireachd agus gun tig neach gun chreideamh a‑steach, no neach cumanta, tha e air a dhìteadh leotha uile agus bheir iad uile breith air, 25 tha dìomhaireachdan a chridhe air am foillseachadh, agus mar sin – a' tuiteam air aghaidh – nì e adhradh do Dhia a' cur an cèill gu bheil Dia dha‑rìribh nur measg. Adhradh Òrdail 26 Dè mar sin, a bhràithrean? Nuair a tha sibh a' tighinn còmhla tha salm, tha teagasg, tha teanga, tha taisbeanadh, tha eadar‑mhìneachadh, aig gach aon agaibh. Gum biodh a h‑uile sìon air a dhèanamh airson togail suas. 27 Ma bhruidhneas neach sam bith ann an teangaidh, bruidhneadh dithis no triùir aig a' char as motha, agus gach neach às dèidh a chèile, agus dèanadh aon neach eile eadar‑theangachadh. 28 Ach mura bi eadar‑theangair ann, fanadh e sàmhach san eaglais, agus bruidhneadh e ris fhèin 's ri Dia. 29 Bruidhneadh dithis no triùir fhàidhean, agus thoireadh càch breith. 30 Ma thèid taisbeanadh a thoirt do neach eile a tha na shuidhe, biodh a' chiad duine sàmhach. 31 Oir is urrainn dhuibh uile fàidheadaireachd a dhèanamh, gach neach às dèidh a chèile, airson 's gun ionnsaich a h‑uile neach agus gum bi a h‑uile neach air a mhisneachadh, 32 agus tha spioradan nam fàidhean umhail dha na fàidhean, 33 oir chan e Dia Dia na mì‑riaghailt, ach na sìthe. Mar ann an eaglaisean nan naomh gu lèir, 34 bu chòir dhur mnathan fantainn sàmhach sna h‑eaglaisean. Oir chan eil e ceadaichte dhaibh bruidhinn, ach bu chòir dhaibh a bhith umhail, mar a tha an lagh cuideachd ag ràdh. 35 Agus mas miann leotha nì sam bith fhoghlam, faighnicheadh iad dham fir fhèin aig an taigh e, oir tha e nàrach do mhnathan bruidhinn san eaglais. 36 No am b' ann uaibhse a thàinig facal Dhè a‑mach? No an ann thugaibhse a‑mhàin a thàinig e? 37 Ma shaoileas neach sam bith gur e fàidh no duine spioradail a th' ann, bu chòir dha na rudan a tha mise a' sgrìobhadh thugaibh aithneachadh, gur iad àithne an Tighearna. 38 Ach ma tha neach sam bith aineolach, biodh e aineolach. 39 Mar sin, a bhràithrean, miannaichibh gu dùrachdach fàidheadaireachd a dhèanamh, ach na bacaibh bruidhinn le teangannan. 40 Ach bu chòir a h‑uile sìon a bhith air a dhèanamh gu ceart 's ann am modh òrdail. |