Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Corintianach 10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017


Rabhaidhean o Eachdraidh Israeil

1 Oir chan eil mi ag iarraidh gum biodh sibh aineolach, a bhràithrean, gun robh ar n‑athraichean uile fon sgòth, agus gun deach iad uile tron mhuir,

2 agus gun robh iad uile air am baisteadh a‑steach do Mhaois san sgòth is sa mhuir,

3 agus gun do dh'ith iad uile an aon bhiadh spioradail,

4 agus gun do dh'òl iad uile an aon deoch spioradail. Oir dh'òl iad on chreig spioradail a lean iad, agus b' e a' chreag sin Crìosd.

5 Ach cha robh Dia toilichte leis a' mhòr‑chuid dhiubh: bha an cuirp air an sgaoileadh air feadh an fhàsaich.

6 A‑nis thachair na rudan seo mar eisimpleirean dhuinne, airson 's nach miannaicheamaid droch rudan mar a mhiannaich iadsan.

7 Na bithibh nur luchd‑iodhal‑adhraidh mar a bh' ann an cuid dhiubhsan; mar a tha e sgrìobhte, “Shuidh an sluagh sìos a dh'ithe 's a dh'òl agus dh'èirich iad a chluiche.”

8 Chan fhaod sinn pàirt a ghabhail ann am feise mhì‑mhoralta mar a rinn cuid dhiubhsan, agus thuit trì air fhichead mìle dhiubh marbh air an aon latha.

9 Chan fhaod sinn Crìosd a bhuaireadh, mar a rinn cuid dhiubhsan agus a chaidh an sgrios le nathraichean.

10 Agus na dèanaibh‑se gearan, mar a rinn cuid dhiubhsan 's a chaidh an sgrios leis an sgriosadair.

11 A‑nis thachair na rudan seo dhaibh mar eisimpleirean, ach bha iad air an sgrìobhadh sìos airson ar teagasg‑ne, air a bheil deireadh nan linntean air tighinn.

12 Mar sin gabhadh neach sam bith a shaoileas gu bheil e a' seasamh an aire nach tuit e.

13 Chan eil buaireadh sam bith air breith oirbh nach eil cumanta dhan duine. Tha Dia dìleas, agus cha leig e leibh a bhith air ur buaireadh thar ur comais, ach leis a' bhuaireadh bheir e cuideachd slighe airson teicheadh, airson 's gum faod sibh a bhith an comas fhulang.


Fèistean Iodhalan agus Suipeir an Tighearna

14 Mar sin, a mhuinntir mo ghràidh, teichibh o iodhal‑adhradh.

15 Tha mi a' bruidhinn mar gum biodh ri daoine ciallach; thoirib' fhèin breith air na tha mi ag ràdh.

16 An cupa beannachaidh a tha sinne a' beannachadh, nach e compàirteachadh ann am fuil Chrìosd a th' ann? An t‑aran a tha sinne a' briseadh, nach e compàirteachadh ann an corp Chrìosd a th' ann?

17 A chionn 's gu bheil aon aran ann, tha sinne a tha nar mòran nar n‑aon chorp, oir tha sinn uile a' gabhail pàirt dhen aon aran.

18 Smaoinichibh mu shluagh Israeil; nach eil iadsan a tha ag ithe nan ìobairtean nan luchd‑compàirt dhen altair?

19 Dè a tha mi a' ciallachadh ma‑thà? Gu bheil biadh a th' air a thairgsinn do dh'iodhal na nì sam bith, no gur e nì sam bith a th' ann an iodhal?

20 Chan eil, ach gu bheil na rudan a tha iad ag ìobradh air an ìobradh do dheamhain is chan ann do Dhia agus chan eil mi ag iarraidh gum bi sibh nur luchd‑compàirt de dheamhain.

21 Chan urrainn dhuibh cupa an Tighearna òl agus cupa dheamhnan. Chan urrainn dhuibh compàirt a ghabhail de bhòrd an Tighearna agus de bhòrd dheamhnan.

22 Am brosnaich sinn an Tighearna gu eud? A bheil sinn nas làidire na esan?


Saorsa a' Chreidmhich

23 “Tha a h‑uile sìon laghail,” ach chan eil a h‑uile sìon buannachdail. “Tha a h‑uile sìon laghail,” ach chan eil a h‑uile sìon a' togail suas.

24 Na sireadh neach sam bith a mhaith fhèin ach maith a choimhearsnaich.

25 Ithibh ge b' e dè a th' air a reic sa mhargadh‑feòla gun cheist sam bith a thogail air sgàth cogais.

26 Oir “Is ann leis an Tighearna a tha an talamh, agus a lànachd.”

27 Ma bheir aon dhe na h‑ana‑creidmhich cuireadh gu dinneir dhuibh agus gu bheil sibh ag iarraidh a dhol ann, ithibh ge b' e dè a th' air a chur mur coinneamh gun a bhith a' togail cheist air sgàth cogais.

28 Ach ma chanas cuideigin ribh, “Chaidh seo a thairgsinn ann an ìobairt,” mar sin na ithibh e, air sgàth an neach a dh'innis dhuibh, agus air sgàth cogais –

29 chan eil mi a' ciallachadh ur cogais‑se, ach a chogais‑san. Oir carson a bu chòir dham shaorsa‑sa a bhith air a cur fo bhreith le cogais neach eile?

30 Ma tha mise a' compàirteachadh le taingealachd, carson a tha mi air mo chàineadh air sgàth an rud sin a thug mi taing air a shon?

31 Mar sin, co‑dhiù a dh'itheas no a dh'òlas sibh, no ge b' e dè a nì sibh, dèanaibh a h‑uile sìon gu glòir Dhè.

32 Na toiribh oilbheum do dh'Iùdhaich no do Ghreugaich no do dh'eaglais Dhè,

33 dìreach mar a bhios mise a' feuchainn ris a h‑uile neach a thoileachadh sa h‑uile rud a nì mi – chan ann a' sireadh mo bhuannachd fhèin ach buannachd nam mòran, airson 's gum bi iad air an sàbhaladh.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024

© Scottish Bible Society 2017, 2024

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan