Tìtus 2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Comhairlean air an tabhairt do Thìtus araon mu thimcheall a theagaisg agus a chaitheamh‐beatha. 9 Mu dhleasdanas sheirbhiseach, agus mar an ceudna mu dhleasdanas nan uile Chrìosdaidhean. 1 Ach labhair thusa na nithean a thig ri teagasg fallain: 2 Eadhon na daoine aosda a bhith aireach, suidhichte, measarra, fallain anns a’ chreideamh, ann an gràdh, ann am foighidinn: 3 Mar an ceudna na mnathan aosda a bhith nan giùlan mar as cubhaidh do naomhachd, gun a bhith nan luchd‐tuaileis, gun a bhith trom air fìon, a bhith nan luchd‐teagaisg air nithean matha; 4 A‑chum gun teagaisg iad na mnathan òga a bhith ciallach, gràdhach air am fir, gràdhach air an cloinn, 5 A bhith eagnaidh, geamnaidh, fantainn aig an taigh, a bhith math, umhail dam fir a‑chum nach faigh facal Dhè mì‑chliù. 6 Cuir impidh air na daoine òga mar an ceudna, iad a bhith ciallach. 7 Anns na h‑uile nithean gad nochdadh fhèin ann ad eisempleir dheagh obraichean: ann an teagasg a’ nochdadh neo‐thruaillidheachd, suidheachadh inntinn, treibhdhireis, 8 Cainnt fhallain nach fhaodar a dhìteadh; a‑chum gum bi nàire air an neach a tha nur n‑aghaidh, a chionn nach eil droch nì sam bith aige ri labhairt umaibh. 9 Earalaich seirbhisich a bhith umhail dam maighistirean fhèin, agus an deagh‐thoileachadh anns na h‑uile nithean: gun a bhith a’ labhairt nan aghaidh; 10 Gun a bhith a’ ceiltinn aon nì den cuid, ach a’ nochdadh gach uile dheagh thairisneachd; a‑chum gun dèan iad teagasg Dhè ar Slànaighear maiseach anns na h‑uile nithean. 11 Oir dh’fhoillsicheadh gràs slàinteil Dhè do na h‑uile dhaoine; 12 A’ teagasg dhuinn gach mì‑dhiadhachd agus ana‑miann saoghalta àicheadh, agus ar beatha a chaitheamh gu stuama, gu cothromach, ach gu diadhaidh anns an t‑saoghal seo an làthair; 13 Air dhuinn sùil a bhith againn ris an dòchas bheannaichte sin, eadhon foillseachadh glòir an Dè mhòir, agus ar Slànaighir Iosa Crìosd: 14 A thug e fhèin air ar son, a‑chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e dha fhèin sluagh sònraichte, eudmhor mu dheagh obraichean. 15 Na nithean seo labhair, agus earalaich, agus cronaich leis an uile ùghdarras. Na dèanadh duine sam bith tàir ort. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society