Taisbeanadh 9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Air sèideadh don chòigeamh aingeal, thuit reult o nèamh, dam bheil iuchair sluichd an dubh‐aigein air a tabhairt: dh’fhosgail e an slochd, agus thàinig lòcaist cosmhail ri scorpionan a‑mach. 12 Tha a’ chiad truaighe air dol thairis. 13 Chaidh an siathamh trompaid a shèideadh. 1 Agus shèid an còigeamh aingeal a thrompaid, agus chunnaic mi reul a’ tuiteam o nèamh a‑chum na talmhainn: agus thugadh dha iuchair sloc an dubh‐aigein. 2 Agus dh’fhosgail e sloc an dubh‐aigein, agus dh’èirich deatach as an t‑sloc, mar dheataich àmhainn mhòir theinntich; agus rinneadh a’ ghrian agus an t‑adhar dorcha le deataich an t‑sluic. 3 Agus thàinig a‑mach as an deataich air an talamh, lòcaist; agus thugadh cumhachd dhaibh, a rèir mar a tha cumhachd aig scorpionan na talmhainn. 4 Agus chaidh a ràdh riu gun iad a dhèanamh dochainn air feur na talmhainn, no air nì sam bith uaine, no air craoibh sam bith; ach air na daoine sin a‑mhàin aig nach eil seula Dhè air clàr an aodainn. 5 Agus thugadh dhaibh, chan e gum marbhadh iad iad, ach gum biodh iad air am pianadh rè chòig mìosan: agus bha am pian cosmhail ri pèin scorpion, nuair a bhuaileas e duine. 6 Agus anns na làithean sin iarraidh daoine am bàs, agus chan fhaigh iad e; agus bidh dèidh aca air bàsachadh, agus teichidh am bàs uapa. 7 Agus bha cruth nan lòcast cosmhail ri eich air an ullachadh a‑chum catha; agus bha air an cinn mar gum biodh crùin cosmhail ri òr, agus bha an aghaidhean cosmhail ri aghaidhean dhaoine. 8 Agus bha falt orra cosmhail ri falt bhan, agus bha am fiaclan mar fhiaclan leòmhann. 9 Agus bha aca uchd‐èididhean, mar uchd‐èididhean iarainn, agus bha fuaim an sgiathan mar fhuaim carbadan mòran each a’ ruith a‑chum catha. 10 Agus bha earbaill aca cosmhail ri scorpionan, agus bha gathan nan earbaill: agus b’e an cumhachd daoine a chiùrradh rè còig mìosan. 11 Agus bha rìgh aca os an cionn, eadhon aingeal an dubh‐aigein, agus is e as ainm dha anns an Eabhra, Abadon, ach anns a’ Ghrèigis is e as ainm dha Apolion. 12 Chaidh aon truaighe thairis; feuch, tha dà thruaighe ri teachd fhathast an dèidh seo. 13 Agus shèid an siathamh aingeal a thrompaid, agus chuala mi guth o cheithir adhaircean na h‑altair òir, a tha am fianais Dhè, 14 Ag ràdh ris an t‑siathamh aingeal aig an robh an trompaid, Fuasgail na ceithir aingil a tha ceangailte aig an abhainn mhòir Euphràtes. 15 Agus dh’fhuasgladh na ceithir aingil a bha ullaichte fa chomhair uaire, agus là, agus mìosa, agus bliadhna, a‑chum gum marbhadh iad an treas cuid de dhaoine. 16 Agus b’e àireamh armailtean a’ mharc‐shluaigh fichead mìle de dheich mìltean: agus chuala mi an àireamh. 17 Agus mar seo chunnaic mi na h‑eich anns an taisbeanadh, agus iadsan a shuidh orra, aig an robh uchd‐èididhean de theine, agus de hiacint, agus de phronnasg: agus bha cinn nan each mar chinn leòmhann; agus as am beòil thàinig a‑mach teine, agus deatach, agus pronnasg. 18 Leis na trì plàighean seo mharbhadh an treas cuid de dhaoine, leis an teine, agus leis an deataich, agus leis a’ phronnasg, a chaidh a‑mach as am beòil. 19 Oir tha an cumhachdan nam beul, agus nan earbaill: oir bha an earbaill cosmhail ri nathraichean, agus bha cinn aca, agus leo sin nì iad dochann. 20 Agus cha do ghabh a’ chuid eile de na daoine, nach do mharbhadh leis na plàighean sin, aithreachas de obraichean an làmh, ionnas nach dèanadh iad adhradh do dheamhain, agus do dhealbhan òir, agus airgid, agus umha, agus cloiche, agus fiodha; nach urrainn faicinn, no cluinntinn, no imeachd: 21 Agus cha mhò a ghabh iad aithreachas dem mort, no den draoigheachd, no den strìopachas, no den gadachd. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society