Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Chuir aingeal seula air seirbhisich Dhè nan aodainn. 4 Àireamh na muinntir a sheulaicheadh: de threubhan Israeil fa leth àireamh shònraichte. 9 De gach cinneach eile cuideachd mhòr gun àireamh, a tha nan seasamh an làthair na rìgh‐chaithreach, air an sgeadachadh ann an trusganan geala.

1 Agus an dèidh nan nithean sin, chunnaic mi ceithir aingil nan seasamh air ceithir oisinnean na talmhainn, a’ cumail ceithir ghaothan na talmhainn, a‑chum nach sèideadh a’ ghaoth air an talamh, no air an fhairge, no air craoibh sam bith.

2 Agus chunnaic mi aingeal eile ag èirigh on àird an ear, aig an robh seula an Dè bheò: agus ghlaodh e le guth mòr ris na ceithir aingil, don tugadh cumhachd cron a dhèanamh air an talamh agus air an fhairge,

3 Ag ràdh, Na dèanaibh dochann air an talamh, no air an fhairge, no air na craobhan, gus an cuir sinn seula air seirbhisich ar Dè air clàir an aodainn.

4 Agus chuala mi àireamh na dream a sheulaicheadh: ceud agus dà‑fhichead agus ceithir mìle, a sheulaicheadh de uile threubhan chloinn Israeil.

5 De threubh Iùdah sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Reubein sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Ghad sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug.

6 De threubh Aseir sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Nephtalim sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Mhanaseis sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug.

7 De threubh Shimeoin sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Lèbhi sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Isachair sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug.

8 De threubh Shabuloin sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Iòseiph sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Bheniàmin sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug.

9 An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, sluagh mòr nach robh neach sam bith comasach air àireamh, de na h‑uile chinnich, agus threubhan, agus shlòigh, agus theangaidhean, nan seasamh an làthair na rìgh‐chathrach, agus an làthair an Uain, air an sgeadachadh le trusganan fada geala, agus pailm aca nan làmhan;

10 Agus ghlaodh iad le guth àrd, ag ràdh, Slàinte dar Dia‑ne a tha na shuidhe air an rìgh‐chathair, agus don Uan.

11 Agus sheas na h‑aingil uile timcheall na rìgh‐chathrach, agus nan seanairean, agus nan ceithir beò‐chreutairean, agus thuit iad air an aghaidh an làthair na rìgh‐chathrach, agus rinn iad adhradh do Dhia,

12 Ag ràdh, Amen: Moladh, agus glòir, agus gliocas, agus buidheachas, agus urram, agus cumhachd, agus neart gu robh dar Dia‑ne gu saoghal nan saoghal. Amen.

13 Agus fhreagair aon de na seanairean, ag ràdh rium, Cò iad sin a tha air an sgeadachadh le trusganan fada geala? Agus cia as a thàinig iad?

14 Agus thubhairt mi ris, A Thighearna, tha fhios agadsa. Agus thubhairt e rium, Is iad seo iadsan a thàinig à àmhghar mòr; agus nigh iad an trusgain, agus rinn iad geal iad ann am fuil an Uain.

15 Uime sin tha iad an làthair rìgh‐chathair Dhè, agus a’ dèanamh adhraidh dha a là agus a dh’oidhche na theampall: agus gabhaidh an Tì a tha na shuidhe air an rìgh‐chathair còmhnaidh nam measg.

16 Cha bhi acras orra tuilleadh, no tart nas mò; cha mhò a bhuaileas a’ ghrian orra, no teas air bith.

17 Oir beathaichidh an t‑Uan a tha am meadhon na rìgh‐chathrach iad, agus treòraichidh e iad gu beò‐thobraichean uisge: agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan