Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 6 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


Fosgladh nan seulan ann an òrdagh, far am bheil fàidheadaireachd air a cur sìos mu thimcheall nithean gu deireadh an t‑saoghail.

1 Agus chunnaic mi, nuair a dh’fhosgail an t‑Uan aon de na seulachan, agus chuala mi aon de na ceithir beò‐chreutairean ag ràdh, mar le fuaim tàirneanaich, Thig, agus faic.

2 Agus chunnaic mi, agus, feuch, each geal; agus bha aig an tì a shuidh air, bogha: agus thugadh dha crùn, agus chaidh e a‑mach a’ buadhachadh, agus a‑chum gum buadhaicheadh e.

3 Agus nuair a dh’fhosgail e an dara seula, chuala mi an dara beò‐chreutair ag ràdh, Thig, agus faic.

4 Agus chaidh each eile a‑mach, a bha dearg; agus thugadh cumhachd dhàsan a shuidh air, a‑chum sìth a thoirt on talamh, ionnas gum marbhadh iad a chèile: agus thugadh claidheamh mòr dha.

5 Agus nuair a dh’fhosgail e an treas seula, chuala mi an treas beò‐chreutair ag ràdh, Thig, agus faic. Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each dubh, agus bha aig an tì a shuidh air, meidh na làimh.

6 Agus chuala mi guth ann am meadhon nan ceithir beò‐chreutairean ag ràdh, Tomhas cruithneachd airson pèighinn, agus trì tomhaisean eòrna air phèighinn; agus na dèan cron air an ola, no air an fhìon.

7 Agus nuair a dh’fhosgail e an ceathramh seula, chuala mi guth a’ cheathramh beò‐chreutair ag ràdh, Thig, agus faic.

8 Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each glas; agus b’e ainm an tì a shuidh air, am Bàs, agus lean ifrinn na chuideachd: agus thugadh dhaibh‐san cumhachd air a’ cheathramh cuid den talamh a mharbhadh le claidheamh, agus le gorta, agus le bàs, agus le fiadh‐bheathaichean na talmhainn.

9 Agus nuair a dh’fhosgail e an còigeamh seula, chunnaic mi fon altair anaman na muinntir sin a mharbhadh airson facal Dhè, agus airson na fianais a thug iad:

10 Agus ghlaodh iad le guth mòr, ag ràdh, Cia fhad, O Thighearna naoimh agus fhìrinnich, gus an dèan thu breitheanas, agus an dìol thu ar fuil‐ne orrasan a tha nan còmhnaidh air an talamh?

11 Agus thugadh do gach aon dhiubh trusganan fada geala, agus chaidh a ràdh riu, iad a ghabhail fois fhathast rè ùine bhig, gus am biodh an co‑sheirbhisich mar an ceudna, agus am bràithrean a rachadh a mharbhadh mar a chaidh iadsan, air an coileanadh.

12 Agus dh’amhairc mi nuair a dh’fhosgail e an siathamh seula, agus, feuch, bha crith‐thalmhainn mhòr ann; agus dh’fhàs a’ ghrian dubh mar shac‐aodach de fhionna, agus dh’fhàs a’ ghealach mar fhuil;

13 Agus thuit reultan nèimh air an talamh, mar a thilgeas craobh‐fhìge a fìgean an‑abaich, nuair a chrathar i le gaoith mhòir:

14 Agus chaidh nèamh thairis mar ròla leabhair air fhilleadh air a chèile; agus dh’atharraicheadh gach beinn agus eilean as an ionadan fhèin:

15 Agus dh’fhalaich rìghrean na talmhainn, agus na daoine mòra, agus na daoine saoibhir, agus na h‑àrd‐cheannardan, agus na daoine cumhachdach, agus gach tràill, agus gach duine saor, iad fhèin ann an uaimhean agus ann an creagan nam beann;

16 Agus thubhairt iad ris na slèibhtean agus ris na creagan, Tuitibh oirnn, agus falaichibh sinn o ghnùis an Tì a tha na shuidhe air an rìgh‐chathair, agus o fheirg an Uain:

17 Oir thàinig là mòr a fheirge‐san; agus cò a dh’fhaodas seasamh?

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan