Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 22 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Abhainn uisge na beatha, 2 craobh na beatha. 5 Is e Dia fhèin solas na caithreach. 9 Chan fhulaing an t‑aingeal adhradh a dhèanamh dha. 18 Chan fhaodar nì sam bith a chur ri facal Dhè, no a thoirt uaith.

1 Agus dh’fheuch e dhomh abhainn fhìorghlan de uisge na beatha, soilleir mar chriostal, a’ teachd a‑mach à rìgh‐chathair Dhè, agus an Uain.

2 Ann am meadhon sràid na cathrach, agus air gach taobh den abhainn, bha craobh na beatha, a’ giùlan dà‑thoradh‐dheug, agus a’ toirt a toraidh uaipe gach uile mhìos; agus bha duilleach na craoibhe a‑chum leigheas nan cinneach.

3 Agus cha bhi mallachd air bith ann nas mò: ach bidh rìgh‐chathair Dhè agus an Uain innte; agus nì a sheirbhisich seirbhis dha.

4 Agus chì iad a aghaidh; agus bidh a ainm‐san air clàr an aodainn.

5 Agus cha bhi oidhche an sin, agus chan eil feum aca air coinnil, no air solas na grèine: oir bheir an Tighearna Dia solas dhaibh: agus rìoghaichidh iad gu saoghal nan saoghal.

6 Agus thubhairt e rium, Tha na briathran seo dìleas agus fìrinneach. Agus chuir an Tighearna, Dia nam fàidhean naomha, a aingeal fhèin a nochdadh da sheirbhisich nan nithean sin as èiginn tachairt gu h‑aithghearr.

7 Feuch, tha mi a’ teachd gu luath: is beannaichte an tì a choimheadas briathran fàidheadaireachd an leabhair seo.

8 Agus chunnaic mise Eòin na nithean seo, agus chuala mi iad: agus nuair a chuala agus a chunnaic mi iad, thuit mi sìos a’ dèanamh adhraidh ro chasan an aingil a nochd na nithean seo dhomh.

9 An sin thubhairt e rium, Feuch nach dèan thu e: oir is co‑sheirbhiseach dhut mise, agus dod bhràithrean na fàidhean, agus dhaibhsan a choimheadas briathran an leabhair seo: dèan adhradh do Dhia.

10 Agus thubhairt e rium, Na seulaich facail fàidheadaireachd an leabhair seo: oir tha an t‑àm am fagas.

11 An tì a nì eucoir, dèanadh e eucoir a‑ghnàth: agus an tì a tha salach, biodh e salach a‑ghnàth: agus an tì a tha na fhìrean, biodh e na fhìrean a‑ghnàth: agus an tì a tha naomh, biodh e naomh a‑ghnàth.

12 Agus, feuch, tha mi a’ teachd gu h‑aithghearr; agus tha mo luach‐saothrach maille rium, a thoirt do gach aon fa leth, a rèir mar a bhios a ghnìomharan.

13 Is mise Alpha agus Omega, an tùs agus a’ chrìoch, an ciad neach agus an neach deireannach.

14 Is beannaichte iadsan a nì a àitheantan‐san, a‑chum gum bi còir aca air craoibh na beatha, agus gun tèid iad a‑steach tre na geatachan don bhaile.

15 Oir an taobh a‑muigh tha madaidhean, agus luchd‐draoidheachd, agus luchd‐strìopachais, agus luchd‐mort, agus luchd‐iodhal‐adhraidh, agus gach neach a ghràdhaicheas, agus a nì, breug.

16 Chuir mise Iosa m’aingeal a dhèanamh fianais dhuibhse air na nithean seo anns na h‑eaglaisean. Is mise freumh agus gineal Dhaibhidh, an reul dhealrach agus mhaidne.

17 Agus tha an Spiorad agus a’ bhean nuadh‐phòsda ag ràdh, Thig. Agus abradh an tì a chluinneas, Thig. Agus an neach air a bheil tart, thigeadh e. Agus ge bè neach leis an àill, gabhadh e uisge na beatha gu saor.

18 Oir tha mi a’ dèanamh fianais do gach uile neach a chluinneas briathran fàidheadaireachd an leabhair seo, Ma chuireas neach air bith ris na nithean seo, cuiridh Dia airsan na plàighean a tha sgrìobhte anns an leabhar seo:

19 Agus ma bheir neach air bith o bhriathran leabhar na fàidheadaireachd seo, bheir Dia a chuibhreann‐san à leabhar na beatha, agus as a’ bhaile naomh, agus as na nithean a tha sgrìobhte anns an leabhar seo.

20 Tha an Tì a tha a’ toirt fianais air na nithean seo ag ràdh, Gu deimhinn tha mi a’ teachd gu h‑aithghearr. Amen. Seadh, thig, a Thighearna Iosa.

21 Gràs ar Tighearna Iosa Crìosd gu robh maille ribh uile. Amen.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan