Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 17 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Tha bean air a sgeadachadh le purpar agus scàrlaid, agus cupan òir na làimh, na suidhe air an fhiadh‐bheathach, 5 neach as i Bàbilon mhòr, màthair nan gràineileachd. 9 Eadar‐mhìneachadh nan seachd ceann, 12 agus nan deich adhaircean.

1 Agus thàinig aon de na seachd aingil aig an robh na seachd soithichean, agus labhair e rium, ag ràdh rium, Thig an seo; nochdaidh mi dhut breitheanas na strìopaich mhòir, a tha na suidhe air mòran uisgeachan:

2 Ris an do rinn rìghrean na talmhainn strìopachas, agus aig an do chuireadh luchd‐àiteachaidh na talmhainn air mhisg le fìon a strìopachais.

3 Agus thug e leis mi anns an spiorad don fhàsach: agus chunnaic mi bean na suidhe air fiadh‐bheathach air dhath sgàrlaid, làn de ainmean toibheim, air an robh seachd cinn agus deich adhaircean.

4 Agus bha a’ bhean air a sgeadachadh ann am purpar, agus ann an sgàrlaid, agus air a dèanamh brèagha le òr, agus clachan luachmhor, agus neamhnaidean, agus cupan òir aice na làimh, làn de ghràinealachd agus de neòghlaine a strìopachais.

5 Agus air clàr a h‑aodainn bha ainm sgrìobhte, RUN‐DIAMHAIR, BÀBILON MHOR, MATHAIR NAN STRIOPACH AGUS GRAINEALACHDAN NA TALMHAINN.

6 Agus chunnaic mi a’ bhean air mhisg le fuil nan naomh, agus le fuil fianaisean Iosa: agus nuair a chunnaic mi i, ghabh mi iongantas le iongantas mòr.

7 Agus thubhairt an t‑aingeal rium, Carson a ghabh thu iongantas? Innsidh mise dhut rùn‐diamhair na mnà, agus an fhiadh‐bheathaich a tha ga giùlan, air a bheil na seachd cinn agus na deich adhaircean.

8 Am fiadh‐bheathach a chunnaic thu, bha e, agus chan eil e ann; agus èiridh e suas à sloc an dubh‐aigein, agus thèid e am mugha: agus gabhaidh luchd‐àiteachaidh na talmhainn (aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail), iongantas, nuair a chì iad am fiadh‐bheathach a bha, agus nach eil agus a bhitheas ann.

9 An seo tha an inntinn aig a bheil gliocas. Na seachd cinn is seachd slèibhtean iad air a bheil a’ bhean na suidhe.

10 Is seachd rìghrean iad mar an ceudna: tha còig dhiubh air tuiteam, agus tha aon ann: cha tàinig am fear eile fhathast; agus nuair a thig e, is èiginn dha fantainn rè ùine bhig.

11 Agus am fiadh‐bheathach a bha, agus nach eil ann, is esan an t‑ochdamh, agus tha e on t‑seachdnar, agus thèid e am mugha.

12 Agus na deich adhaircean a chunnaic thu, is deich rìghrean iad, nach d’fhuair rìoghachd fhathast, ach a tha a’ faotainn cumhachd mar rìghrean rè aon uaire maille ris an fhiadh‐bheathach.

13 Tha aca seo aon inntinn, agus bheir iad an neart agus an cumhachd don fhiadh‐bheathach.

14 Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra: oir is esan Tighearna nan tighearnan, agus rìgh nan rìgh; agus tha an dream a tha maille ris air an gairm, agus air an taghadh, agus dìleas.

15 Agus thubhairt e rium, Na h‑uisgeachan a chunnaic thu, far a bheil an strìopach na suidhe, is slòigh, agus coitheanail, agus cinnich, agus teangan iad.

16 Agus na deich adhaircean a chunnaic thu air an fhiadh‐bheathach, bheir iad sin fuath don strìopaich, agus nì iad fàs i, agus lomnochd, agus ithidh iad a feòil, agus loisgidh iad i le teine.

17 Oir chuir Dia nan cridhe a thoil a choileanadh, agus a bhith a dh’aon chomhairle, agus an rìoghachd a thoirt don fhiadh‐bheathach, gus an coileanar briathran Dhè.

18 Agus is i a’ bhean a chunnaic thu, am baile mòr sin, a tha a’ rìoghachadh os cionn rìghrean na talmhainn.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan