Taisbeanadh 12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Tha bean a bha sgeadaichte leis a’ ghrèin ri saothair‐chloinne: 4 tha an dràgon mòr dearg na sheasamh fa comhair, ullamh gus a leanabh a shlugadh suas. 6 Nuair a dh’aiseadadh i, theich i don fhàsach. 7 Chog Mìchael agus aingil‐san an aghaidh an dràgoin. 1 Agus chunnacas iongantas mòr air nèamh, bean air a sgeadachadh leis a’ ghrèin, agus a’ ghealach fo a casan, agus air a ceann crùn de dhà‐reul‐dheug. 2 Agus air dhi a bhith torrach, ghlaodh i ri saothair‐chloinne, agus bha i air a pianadh a‑chum a h‑aisead. 3 Agus chunnacas iongantas eile air nèamh, agus, feuch, dràgon mòr dearg, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a chinn seachd crùin. 4 Agus tharraing a earball an treas cuid de reultan nèimh, agus thilg e iad a‑chum na talmhainn; agus sheas an dràgon fa chomhair na mnà, a bha ullamh gu bhith air a h‑aisead, a‑chum a leanabh a shlugadh suas nuair a bheireadh i e. 5 Agus rug i leanabh mic, a bha gus na cinnich uile a riaghladh le slait iarainn: agus thogadh a leanabh suas a‑chum Dhè, agus a‑chum a rìgh‐chathrach‐san. 6 Agus theich a’ bhean don fhàsach, far a bheil aice ionad air ullachadh le Dia, a‑chum gum biodh i air a beathachadh an sin rè mìle agus dà cheud agus trì‐fichead là. 7 Agus bha cogadh air nèamh; rinn Mìchael agus a aingil cogadh an aghaidh an dràgoin; agus chog an dràgon agus a aingil fhèin; 8 Agus cha tug iad buaidh, cha mhò a fhuaireadh an àite nas mò air nèamh. 9 Agus thilgeadh a‑mach an dràgon mòr, an t‑seann nathair sin, ris an abrar an diabhal, agus Sàtan, a tha a’ mealladh an t‑saoghail uile: thilgeadh a‑mach e a‑chum na talmhainn, agus thilgeadh a‑mach a aingil maille ris. 10 Agus chuala mi guth mòr ag ràdh air nèamh, A‑nis tha slàinte agus neart, agus rìoghachd ar Dè, agus cumhachd a Chrìosd air teachd; oir thilgeadh sìos fear‐casaid ar bràithrean, a bha gan casaid an làthair ar Dè a là agus a dh’oidhche. 11 Agus thug iad buaidh air tre fhuil an Uain, agus tre fhacal am fianais‐san; agus cha do ghràdhaich iad an anaman fhèin gu bàs. 12 Uime sin biodh gàirdeachas oirbh, O nèamhan, agus oirbhse a tha nur còmhnaidh annta. An‑aoibhinn do luchd‐àiteachaidh na talmhainn, agus na fairge! Oir thàinig an diabhal a‑nuas dur n‑ionnsaigh, agus fearg ro‑mhòr air, do bhrìgh gur fiosrach e nach eil aige ach ùine gheàrr. 13 Agus nuair a chunnaic an dràgon gun do thilgeadh e a‑chum na talmhainn, rinn e geur‐leanmhainn air a’ mhnaoi a rug an leanabh mic. 14 Agus don mhnaoi thugadh dà sgèith iolair mhòir a‑chum gun rachadh i air itealaich leo don fhàsach, a‑chum a h‑ionaid fhèin; far a bheil i air a h‑altram rè aimsir, agus aimsirean, agus leth‐aimsir, o aghaidh na nathrach. 15 Agus thilg an nathair as a beul uisge mar thuil, an dèidh na mnà, a‑chum gun tugadh i oirre a bhith air a giùlan air falbh leis an t‑sruth. 16 Agus rinn an talamh còmhnadh ris a’ mhnaoi; agus dh’fhosgail an talamh a bheul, agus shluig e suas an tuil, a thilg an dràgon as a bheul. 17 Agus bha fearg air an dràgon ris a’ mhnaoi, agus chaidh e a dhèanamh cogaidh ris a’ chuid eile de a sliochd, a tha a’ coimhead àitheantan Dhè, agus aig a bheil fianais Iosa Crìosd. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society