Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Taisbeanadh 11 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Rinn an dà fhianais fàidheadaireachd: 6 thugadh cumhachd dhaibh nèamh a dhruideadh, ionnas nach bi uisge ann: 7 nì am beathach cogadh nan aghaidh, agus marbhaidh e iad: 8 laighidh iad gun an adhlac, 11 agus an dèidh thrì làithean agus leth là èiridh iad a‑rìs.

1 Agus thugadh dhomh cuilc cosmhail ri slait: agus sheas an t‑aingeal, ag ràdh, Eirich, agus tomhais teampall Dhè, agus an altair, agus iadsan a tha a’ dèanamh adhraidh ann.

2 Ach fàg a‑mach a’ chùirt a tha an taobh a‑muigh den teampall, agus na tomhais i, oir thugadh i do na Cinnich: agus saltraidh iad fo an casan am baile naomh rè dà mhìos agus dà‑fhichead.

3 Agus bheir mise cumhachd dom dhithis fhianaisean, agus nì iad fàidheadaireachd rè mìle agus dà cheud agus trì‐fichead là, èidichte ann an sac‐aodach.

4 Is iad seo an dà chrann‐ola, agus an dà choinnleir a tha nan seasamh an làthair Dia na talmhainn.

5 Agus ma chiùrras neach air bith iad, thèid teine a‑mach as am beul, agus claoidhidh e an naimhdean: agus ma chiùrras neach air bith iad, is èiginn dha a bhith air a mharbhadh mar seo.

6 Tha cumhachd aca seo nèamh a dhùnadh, ionnas nach bi uisge ann, ann an làithean am fàidheadaireachd: agus tha cumhachd aca air uisgeachan a‑chum an tionndadh gu fuil, agus an talamh a bhualadh leis an uile phlàigh, cho minig is as toil leo.

7 Agus nuair a chrìochnaicheas iad am fianais, nì am fiadh‐bheathach a dh’èireas as an t‑sloc gun ìochdar cogadh nan aghaidh, agus bheir e buaidh orra, agus marbhaidh e iad.

8 Agus bidh an cuirp mharbha nan laighe ann an sràid a’ bhaile mhòir, ris an abrar gu spioradail Sòdom agus an Èiphit, far mar an ceudna an do cheusadh ar Tighearna.

9 Agus chì cuid de na slòigh, agus de threubhan, agus de theangaidhean, agus de chinnich, an cuirp mharbha rè thrì làithean gu leth, agus cha leig iad an cuirp mharbha a bhith air an cur ann an uaighean.

10 Agus nì luchd‐àiteachaidh na talmhainn gàirdeachas os an cionn, agus bidh iad subhach, agus cuiridh iad tìodhlacan a dh’ionnsaigh a chèile; do bhrìgh gun do phian an dà fhàidh seo iadsan a bha a chòmhnaidh air an talamh.

11 Agus an dèidh trì làithean gu leth, chaidh Spiorad na beatha o Dhia a‑steach annta, agus sheas iad air an casan; agus thuit eagal mòr orrasan a chunnaic iad.

12 Agus chuala iad guth mòr o nèamh, ag ràdh riu, Thigibh a‑nìos an seo. Agus chaidh iad suas do nèamh air neul; agus chunnaic an naimhdean iad.

13 Agus anns an uair sin fhèin bha crith‐thalmhainn mhòr ann, agus thuit an deicheamh cuid den bhaile, agus mharbhadh seachd mìle pearsa anns a’ chrith‐thalmhainn: agus ghabh a’ chuid eile eagal, agus thug iad glòir do Dhia nèimh.

14 Chaidh an dara truaighe thairis: feuch, thig an treas truaighe gu h‑aithghearr.

15 Agus shèid an seachdamh aingeal a thrompaid; agus bha guthan mòra air nèamh, ag ràdh, Rinneadh rìoghachdan an t‑saoghail nan rìoghachdan dar Tighearna, agus da Chrìosd‐san; agus rìoghaichidh e gu saoghal nan saoghal.

16 Agus thuit na ceithir‐seanairean‐fichead, a bha nan suidhe air an cathraichean am fianais Dhè, sìos air an aghaidh, agus rinn iad adhradh do Dhia,

17 Ag ràdh, Bheireamaid buidheachas dhutsa, O Thighearna Dhè uile‐chumhachdaich, a tha, agus a bha, agus a bhitheas; airson gun do ghabh thu do chumhachd mòr ad ionnsaigh, agus gun do rìoghaich thu.

18 Agus bha fearg air na cinnich, agus thàinig d’fhearg‐sa, agus àm nam marbh gun tugte breith orra, agus gun tugadh tusa duais dod sheirbhisich na fàidhean, agus do na naoimh, agus dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme, do na big agus do na mòir, agus gun sgriosadh tu iadsan a sgriosas an talamh.

19 Agus dh’fhosgladh teampall Dhè air nèamh, agus chunnacas na theampall àirc a’ choicheangail: agus bha dealanaich, agus guthan, agus tàirneanaich, agus crith‐thalmhainn, agus clachan‐meallain mòra ann.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan