Taisbeanadh 10 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chunnaic Eòin aingeal treun aig an robh leabhar fosgailte na làimh: 6 neach a thug mionnan airsan a tha beò gu sìorraidh, nach bi aimsir nas mò ann. 8 Thugadh àithne do Eòin an leabhar a ghabhail agus ithe. 1 Agus chunnaic mi aingeal cumhachdach eile a’ teachd a‑nuas o nèamh, air a sgeadachadh le neul, agus bogha‑frois air a cheann, agus a aghaidh mar a’ ghrian, agus a chasan mar phuist theine. 2 Agus bha aige na làimh leabhran fosgailte: agus chuir e a chas dheas air an fhairge, agus a chas chlì air an talamh. 3 Agus ghlaodh e le guth àrd, mar a bheucas leòmhann; agus nuair a ghlaodh e, labhair seachd tàirneanaich an guthan fhèin. 4 Agus nuair a labhair na seachd tàirneanaich an guthan fhèin, bha mi a’ dol a sgrìobhadh: agus chuala mi guth o nèamh, ag ràdh rium, Seulaich na nithean a labhair na seachd tàirneanaich, agus na sgrìobh iad. 5 Agus thog an t‑aingeal, a chunnaic mi na sheasamh air a’ mhuir, agus air an talamh, a làmh gu nèamh, 6 Agus mhionnaich e airsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, a chruthaich nèamh agus na nithean a tha ann, agus an talamh agus na nithean a tha ann, agus an fhairge agus na nithean a tha innte, nach bi aimsir ann nas mò: 7 Ach ann an làithean guth an t‑seachdamh aingil, nuair a thòisicheas e air sèideadh, an sin gum biodh rùn‐diamhair Dhè air a chrìochnachadh, mar a dh’innis e da sheirbhisich na fàidhean. 8 Agus labhair an guth, a chuala mi o nèamh, rium a‑rìs, agus thubhairt e, Imich, glac an leabhran a tha fosgailte ann an làimh an aingil a tha na sheasamh air an fhairge, agus air an talamh. 9 Agus chaidh mi a dh’ionnsaigh an aingil, agus thubhairt mi ris, Thoir dhòmhsa an leabhran: agus thubhairt esan rium, Glac, agus ith suas e; agus nì e do bhroinn searbh, ach bidh e nad bheul milis mar mhil. 10 Agus ghlac mi an leabhran à làimh an aingil, agus dh’ith mi suas e; agus bha e nam bheul milis mar mhil; agus nuair a dh’ith mi e, rinneadh mo bhrù searbh. 11 Agus thubhairt e rium, Is èiginn dhut a‑rìs fàidheadaireachd a dhèanamh am fianais shlògh, agus chinneach, agus theangaidhean, agus rìghrean lìonmhor. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society