Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Seumas 4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Is còir dhuinn cathachadh an aghaidh sannt, 4 neo‐mheasarrachd, 5 uabhair, 11 cùl‐chàinidh, agus breith ghrad mu dhaoine eile; 13 agus gun a bhith ro earbsach à soirbheachadh ann ar gnothaichean saoghalta, etc.

1 Cia as a tha cogaidhean agus còmhragan a’ teachd nur measg? Nach ann as a seo, eadhon o ur n‑ana‑miannan, a tha a’ cogadh nur buill?

2 Tha sibh a’ miannachadh, agus chan eil agaibh: tha sibh a’ marbhadh, agus a’ dian‐shanntachadh, agus chan eil e an comas dhuibh nì fhaotainn; tha sibh a’ cathachadh agus a’ cogadh, gidheadh chan eil agaibh, do bhrìgh nach eil sibh ag iarraidh.

3 Tha sibh ag iarraidh, agus chan eil sibh a’ faotainn, do bhrìgh gu bheil sibh ag iarraidh gu h‑olc, a‑chum gun caith sibh e air ur n‑ana‑miannan.

4 Adhaltranaichean, agus a bhan‐adhaltranaichean, nach eil fhios agaibh gur naimhdeas an aghaidh Dhè càirdeas an t‑saoghail? Ge bè air bith neach uime sin leis an àill a bhith na charaid don t‑saoghal, tha e na nàmhaid do Dhia.

5 A bheil sibh a’ smaoineachadh gu bheil an sgriobtar gu dìomhain a’ labhairt, Tha an spiorad a tha a chòmhnaidh annainn a’ togairt gu farmad?

6 Ach bheir e gràs as mò uaithe: uime sin tha e ag ràdh, Tha Dia a’ cur an aghaidh nan uaibhreach, ach a’ toirt gràis dhaibhsan a tha iriosal.

7 Uime sin ùmhlaichibh sibh fhèin do Dhia; cuiribh an aghaidh an diabhail, agus teichidh e uaibh:

8 Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh e ribh: glanaibh ur làmhan, a pheacacha, agus glanaibh ur cridhe, sibhse aig a bheil an inntinn dhùbailte.

9 Bithibh ann an àmhghar, agus dèanaibh caoidh, agus gul: biodh ur gàire air a thionndadh gu bròn, agus ur n‑aoibhneas gu tùirse.

10 Irioslaichibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, agus àrdaichidh e sibh.

11 Na labhraibh olc mu chèile, a bhràithrean. An tì a tha a’ labhairt uilc ma bhràthair, agus a’ toirt breith air a bhràthair, tha e a’ labhairt uilc mun lagh, agus a’ toirt breith air an lagh: ach ma tha thu a’ toirt breith air an lagh, chan fhear‐coileanaidh an lagha thu, ach britheamh.

12 Tha aon fhear‐tabhairt lagha ann, as urrainn saoradh agus sgrios: cò thusa a tha a’ toirt breith air neach eile?

13 Imichibh a‑nis, sibhse a tha ag ràdh, Thèid sinn an‑diugh no a‑màireach gus a leithid seo de bhaile, agus fanaidh sinn an sin rè bliadhna, agus nì sinn ceannachd, agus gheibh sinn buannachd:

14 Nuair nach eil fhios agaibh ciod a thàrlas air a’ mhàireach: oir ciod i ur beatha? Is deatach i a chìthear rè ùine bhig, agus an dèidh sin a thèid as an t‑sealladh.

15 An àite gum bu chòir dhuibh a ràdh, Mas toil leis an Tighearna, bidh sinn beò, agus nì sinn seo, no siud.

16 Ach a‑nis tha sibh a’ dèanamh uaille as ur ràiteachas fhèin: is olc gach uile shamhail sin de uaill.

17 Uime sin dhàsan don aithne math a dhèanamh, agus nach dèan e, is peacadh e dha.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan