Seumas 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Cha chòir grad‐bhreith a thoirt air daoine eile, no an cronachadh gu ladarna; 5 ach is mò is còir dhuinn srian a chur ri ar teangaidh, ball beag, ach a tha na h‑inneal cumhachdach a‑chum mòr‐mhaith agus olc a dhèanamh. 13 Tha an dream sin a tha fìor‐ghlic, ciùin agus sìochail, gun fharmad, gun strì. 1 Mo bhràithrean, na bithibh nur mòran mhaighistirean, air dhuibh fios a bhith agaibh gum faigh sinne an tuilleadh breitheanais. 2 Oir ann am mòran nithean tha sinn uile ciontach. Mura eil duine ciontach ann am facal, is duine coileanta an tì sin, comasach mar an ceudna air srian a chur ris a’ chorp uile. 3 Feuch, tha sinn a’ cur shrian ann am beul nan each, a‑chum gum bi iad umhail dhuinn, agus tionndaidhidh sinn an corp uile mun cuairt. 4 Feuch mar an ceudna na longan, ged tha iad cho mòr, agus ged shèidear iad le garbh‐ghaothan, gidheadh tionndaidhear mun cuairt iad le stiùir ro‑bhig, ge bè taobh gus am miann leis an stiùradair. 5 Is amhail sin as ball beag an teanga, agus nì i mòr‐uaill. Feuch, cia mòr an connadh a lasas teine beag! 6 Agus is teine an teanga, saoghal de aingidheachd: mar sin tha an teanga air a suidheachadh am measg ar ball, ionnas gun salaich i an corp gu h‑iomlan, agus gun las i cùrsa nàdair; agus i fhèin air a lasadh o ifrinn. 7 Oir tha gach uile ghnè fhiadh‐bheathach, agus eunlaith, agus nithean snàigeach, agus nithean anns an fhairge, air an ceannsachadh: agus cheannsaicheadh iad leis a’ chinne‐daonna: 8 Ach cha chomasach do dhuine air bith an teanga a cheannsachadh; is olc do‑chasgaidh i, làn de nimh mhairbhteach. 9 Leathase tha sinn a’ beannachadh Dhè, eadhon an t‑Athar; agus leathase tha sinn a’ mallachadh dhaoine, a rinneadh a rèir coslas Dhè. 10 As an aon bheul tha beannachadh agus mallachadh a’ teachd a‑mach. Mo bhràithrean, cha chòir do na nithean seo a bhith mar seo. 11 An cuir tobar a‑mach as an aon sùil uisge milis agus searbh? 12 Am faod craobh‐fhìge, mo bhràithrean, dearcan‐ola a thoirt uaipe? No a’ chraobh‐fhìona, fìgean? Mar sin chan fhaod tobar sam bith sàil agus uisge milis a thoirt uaithe araon. 13 Cò a tha na dhuine glic agus aig a bheil eòlas nur measg? Nochdadh e à deagh chaitheamh‐beatha, a obraichean fhèin le ceannsachd gliocais. 14 Ach ma tha eud searbh agus còmhstri agaibh nur cridhe, na dèanaibh uaill, agus na dèanaibh breug an aghaidh na fìrinn. 15 Chan ann on àirde a tha an gliocas seo a’ teachd a‑nuas, ach tha e talmhaidh, collaidh, diabhlaidh. 16 Oir far a bheil farmad agus còmhstri, an sin tha buaireas, agus gach uile dhroch ghnìomh. 17 Ach tha an gliocas a tha on àirde air tùs glan, an dèidh sin sìochail, ciùin, agus so‑chomhairleachaidh, làn de thròcair agus de dheagh thoradh, gun leth‐bhreith agus gun cheilg. 18 Agus tha toradh na fìreantachd air a chur ann an sìth do luchd‐dèanamh na sìthe. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society