Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Sephaniah 3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Thugadh geur‐achmhasan do na h‑Iùdhaich airson am peacaidhean. 8 Earail gu feitheamh air an Tighearna, 14 agus gu gàirdeachas a dhèanamh na shlàinte.

1 Is an‑aoibhinn dhise a tha ceannairceach agus truaillte, don chathair a tha ri sàrachadh.

2 Cha tug i gèill don ghuth; cha do ghabh i cronachadh: cha d’earb i as an Tighearna: cha do tharraing i dlùth da Dia.

3 Tha a prionnsachan an taobh a‑staigh dhith nan leòmhainn bheucach; is madaidhean‐allaidh an anmoich am britheamhan, chan fheith iad gus a’ mhadainn gun na cnàmhan ithe.

4 Is daoine aotrom fealltach a fàidhean: thruaill a sagartan an t‑ionad naomh: bhris iad an reachd.

5 Tha an Tighearna cothromach na meadhon: cha dèan esan euceart: gach madainn bheir e breitheanas gu solas, chan fhàilnich e: ach chan eil eòlas aig an eucorach air nàire.

6 Gheàrr mi as na cinnich: tha an tùir uaigneach: rinn mi fàs an sràidean, air chor is nach eil aon gan imeachd: tha am bailtean air an sgrios, gun duine sam bith annta, gun aon neach gan àiteachadh.

7 Thubhairt mi, Gu deimhinn bidh m’eagal ort, gabhaidh tu teagasg: mar sin cha bhiodh an àite‐còmhnaidh air a ghearradh as, cionnas air bith a smachdaichinn iad: ach dh’èirich iad gu moch, agus thruaill iad an uile dhèanadas.

8 Uime sin feithibh‐se riumsa, tha an Tighearna ag ràdh, gus an là anns an èirich mi suas a‑chum na creiche: oir is e mo rùn na cinnich a chruinneachadh, na rìoghachdan a tharraing ri chèile; a dhòrtadh orra mo chorraich, uile theas m’fheirge: oir loisgear an talamh gu h‑iomlan le teine m’eud‐sa.

9 Gu deimhinn tillidh mi an sin ris na slòigh teanga ghlan, gu gairm gu lèir air ainm an Tighearna, gu seirbhis a dhèanamh dha le aon rùn.

10 O thaobh thall aibhnichean Etiopia, bheir mo luchd‐athchuinge, am measg mo mhuinntir sgapte, tabhartas am ionnsaigh.

11 Anns an là sin cha nàraichear thu airson d’uile dhèanadais, leis an do chiontaich thu ann am aghaidh‐sa; oir an sin bheir mi air falbh as do mheadhon iadsan a tha ri gàirdeachas ann ad uabhar; agus chan àrdaich thu nas mò thu fhèin ann am shliabh naomh‐sa.

12 Fàgaidh mi fòs ann ad mheadhon sluagh an‑shocrach agus dìblidh; agus cuiridh iad an dòchas ann an ainm an Tighearna.

13 Cha dèan iarmad Israeil aingidheachd, cha mhò a labhras iad breugan: cha mhò a gheibhear teanga chealgach nam beul. Oir ionaltraidh agus laighidh iad sìos, agus cha chuir aon neach eagal orra.

14 Seinn, O nighean Shioin; tog iolach, O Israeil; bi ait, agus dèan gàirdeachas led uile chridhe, O nighean Ierusaleim.

15 Thug an Tighearna air falbh do bhreitheanais; thill Rìgh Israeil air falbh do naimhdean: tha an Tighearna ann ad mheadhon; chan fhaic thu olc nas mò.

16 Anns an là sin theirear ri Ierusalem, Na biodh eagal ort; agus ri Sion, Na biodh do làmhan lag.

17 Tha an Tighearna Dia ann ad mheadhon cumhachdach; nì e do thèarnadh; nì e gàirdeachas os do chionn le luathghair; gabhaidh e fois na ghràdh; nì e gàirdeachas os do chionn le seinn.

18 Cruinnichidh mi iadsan ad mheasg a tha ri caoidh airson an àrd‐choitheanail, don robh a mhasladh na eallaich.

19 Feuch, millidh mise d’uile luchd‐sàrachaidh anns an àm sin; agus lèighsidh mi ise a tha bacach, agus cruinnichidh mi ise a bha sgaoilte; agus gheibh mi dhaibh cliù agus deagh iomradh anns gach aon tìr anns an d’fhuair iad nàire.

20 Anns an àm sin bheir mi air ur n‑ais sibh; agus anns an àm anns an cruinnich mi sibh, bheir mi gun amharas dhuibh ainm agus cliù am measg uile chinnich na talmhainn, nuair a thilleas mi air a h‑ais ur bruid fa chomhair an sùl‐san, deir an Tighearna.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan