Sephaniah 1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 An t‑àm anns an d’rinn Sephaniah fàidheadaireachd. 4 Smachdaichidh Dia sluagh Iùdah airson am peacaidhean. 1 Facal an Tighearna a thàinig gu Sephaniah mac Chusi, mhic Ghedaliah, mhic Amariah, mhic Hisciah, ann an làithean Iosiah, mhic Amoin, rìgh Iùdah. 2 Sgriosaidh mise gu tur na h‑uile nithean bhàrr aghaidh an fhearainn, deir an Tighearna. 3 Sgriosaidh mi duine agus ainmhidh, sgriosaidh mi eunlaith an adhair, agus èisg na fairge, agus na ceapan‐tuislidh maille ris an h‑aingidh: agus gearraidh mi as an duine bhàrr aghaidh an fhearainn, deir an Tighearna. 4 Sìnidh mi fòs a‑mach mo làmh air Iùdah, agus air uile luchd‐àiteachaidh Ierusaleim; agus gearraidh mi as fuidheall Bhàail on àite seo; ainm an luchd‐ìobraidh maille ris na sagartan; 5 Agus iadsan a tha ag adhradh do fheachd nèimh air mullach nan taighean; agus iadsan a tha ag adhradh, agus a’ mionnachadh air an Tighearna, agus fòs a’ mionnachadh air Malcham; 6 Agus iadsan a thill air an ais on Tighearna; agus iadsan nach d’iarr an Tighearna, agus nach d’fhiosraich dheth. 7 Bithibh tosdach an làthair an Tighearna Iehòbhah, oir tha là an Tighearna dlùth; oir dh’ullaich an Tighearna ìobairt, ghairm e a aoidhean. 8 Agus tàrlaidh ann an là ìobairt an Tighearna gun smachdaich mise na prionnsachan, agus clann nan rìghrean, agus na h‑uile a tha air an èideadh le culaidh choimhich. 9 Agus air an là cheudna smachdaichidh mi iadsan uile a tha a’ leum air an stairsnich, a tha a’ lìonadh taighean am maighistirean le ainneart agus le ceilg. 10 Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, gum bi fuaim èighich o gheata an èisg, agus ulartaich on dara baile, agus bruanadh mòr o na cnuic. 11 Àrd‐ghuilibh, a luchd‐àiteachaidh Mhacteis, oir tha an luchd‐malairt gu h‑iomlan air an gearradh as; tha uile luchd‐giùlain an airgid air am milleadh. 12 Agus tàrlaidh anns an àm sin gun rannsaich mise Ierusalem le coinnlean, agus smachdaichidh mi na daoine a tha socrach air an deasgainean; a tha ag ràdh nan cridhe, Cha dèan an Tighearna math, cha mhò a nì e olc. 13 Air an adhbhar sin bidh am maoin na chobhartach, agus an taighean nam fàsach: agus togaidh iad taighean, ach chan àitich iad iad; agus suidhichidh iad fìonliosan, ach chan òl iad am fìon. 14 Tha là mòr an Tighearna dlùth, tha e dlùth, agus a’ deifreachadh gu mòr: tha guth là an Tighearna searbh: guilidh an sin an cumhachdach. 15 Is là feirge an là sin, là trioblaid agus teanntachd; là fàsalachd agus lèirsgrios; là dorchadais agus oglaidheachd; là neul agus tiugh‐dhorchadais; 16 Là trompaid agus iolaich an aghaidh nam bailtean daingnichte, agus an aghaidh nan tùr àrda. 17 Agus bheir mise airc air daoine, ionnas gun siubhail iad mar dhoill; a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna; agus dòirtear a‑mach am fuil mar dhuslach, agus am feòil mar aolach. 18 Cha mhò a dh’fhaodas an airgead no an òr an saoradh ann an là fearg an Tighearna; ach le teine a eud‐san loisgear am fearann uile: oir bheir e gu deimhinn lèirsgrios obann air uile luchd‐àiteachaidh na tìre. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society