Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Sechariah 9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Ann am meadhon a bhreitheanais air na cinnich teasairgidh Dia an eaglais. 9 Chomhairlicheadh do Shion gàirdeachas a dhèanamh airson teachd Chrìosd. 12 Gheall Dia saorsa agus buaidh da phoball.

1 Fàistneachd facal an Tighearna. Air fearann Hadraich, agus air Damascas gabhaidh i làmh: (oir tha sùil gach duine, agus uile threubhan Israeil, air an Tighearna).

2 Agus fòs air Hamat a tha làimh ris; air Tìrus agus air Sìdon, ged tha i ro‑ghlic.

3 Ged thog Tìrus dhi fhèin daingneach làidir, agus ged chàrn i suas airgead mar an duslach, agus òr fìorghlan mar pholl nan sràidean;

4 Feuch, tilgidh an Tighearna a‑mach i, agus buailidh e anns an fhairge a neart; agus sgriosar i le teine.

5 Chì Ascelon, agus bidh eagal oirre; Gàsa fòs, agus bidh i ro‑bhrònach; is amhail a bhios Ecron, oir nàraicheadh a dòchas; agus bàsaichidh an rìgh o Ghàsa, agus chan àitichear Ascelon.

6 Agus gabhaidh clann dhìolain còmhnaidh ann an Asdod; agus gearraidh mise as uabhar nam Philisteach.

7 Agus bheir mi air falbh a fhuil as a bheul, agus a ghràinealachdan o eadar fhiaclan: ach an tì a mhaireas, bidh esan airson ar Dè‑ne, agus bidh e mar uachdaran ann an Iùdah, agus Ecron mar an t‑Iebusach.

8 Agus campaichidh mise timcheall mo thaighe, ga dhìon on fheachd a bhios a’ dol seachad, no a bhios a’ tilleadh; cha mhò a thèid am fear‐sàrachaidh tromhpa nas mò; oir a‑nis chunnaic mi lem shùilean.

9 Dèan gàirdeachas gu mòr, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim: feuch, tha do rìgh a’ teachd ad ionnsaigh; is Fìrean agus is Slànaighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h‑asail.

10 Agus gearraidh mi as an carbad o Ephraim, agus an t‑each o Ierusalem; agus gearrar as am bogha‑cogaidh; agus labhraidh esan sìth ris na cinnich: agus bidh a uachdaranachd o mhuir gu muir, agus on abhainn gu iomallan na tìre.

11 Air mo shon‐sa fòs, le fuil do choicheangail chuir mi a‑mach do phrìosanaich as an t‑sloc anns nach robh uisge sam bith.

12 Tillibh a‑chum an daingnich, O phrìosanacha an dòchais; eadhon air an là‑an‑diugh tha mi ag innse gun dìol mi dhut beannachdan dùbailte.

13 Oir lùb mi dhomh fhèin Iùdah, lìon mi am bogha le Ephraim; agus togaidh mi suas do mhic‐sa, O Shioin, an aghaidh do mhac‐sa, O Ghrèig, agus nì mi thu mar chlaidheamh duine cumhachdaich.

14 Agus chìthear an Tighearna os an cionn, agus thèid a shaighead a‑mach mar an dealanach: agus sèididh an Tighearna Iehòbhah an trompaid, agus thèid e a‑mach le iomaghaothan na h‑àird a deas.

15 Nì Tighearna nan sluagh an dìon; agus ithidh iad, agus ceannsaichidh iad le clachan‐tabhaill: agus òlaidh iad, agus nì iad iolach mar le fìon; agus lìonar iad mar chupain, mar oiseanan na h‑altarach.

16 Agus tèarnaidh an Tighearna an Dia iad anns an là sin, mar threud a shluaigh; oir togar suas clachan‐buaidh an crùin air feadh am fearainn.

17 Oir cia mòr an soirbheachadh, agus cia mòr am maise! Nì an t‑arbhar na h‑òganaich, agus am fìon‐nuadh na h‑òighean, subhach.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan