Salm 99 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Tha am fàidh a’ nochdadh gu bheil Dia na rìgh os cionn na talmhainn, 5 agus gur còir sleuchdadh aig stòl a chos. 1 Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; criothnaicheadh na slòigh; tha e na shuidhe eadar ceruban; biodh crith air an talamh. 2 Tha an Tighearna mòr ann an Sion, agus tha e àrd os cionn gach sluaigh. 3 Moladh iad d’ainm mòr agus uamhasach; is naomh e. 4 Agus is toigh leis an Rìgh chumhachdach breitheanas; is tu a shocraicheas a’ chòir; nì thusa breitheanas agus ceartas ann an Iàcob. 5 Ardaichibh an Tighearna ar Dia, agus sleuchdaibh aig stòl a chas; is naomh esan. 6 Bha Maois agus Aaron am measg a shagart, agus Samuel nam measg‐san a ghairm air a ainm; ghairm iadsan air an Tighearna, agus fhreagair esan iad. 7 Ann am baideal neòil labhair e riu; ghlèidh iad a theisteis agus an reachd a thug e dhaibh. 8 A Thighearna ar Dia, fhreagair thusa iad; is tu an Dia a thug maitheanas dhaibh, ged rinn thu dìoghaltas airson an gnìomharan. 9 Ardaichibh an Tighearna ar Dia, agus sleuchdaibh aig a shliabh naomh, oir is naomh an Tighearna ar Dia. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society