Salm 93 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992Mòralachd agus naomhachd oighreachd Chrìosd. 1 Tha an Tighearna a’ rìoghachadh, tha e air a sgeadachadh le mòralachd; tha an Tighearna air a sgeadachadh le neart, agus chrioslaich e e fhèin; tha an saoghal mar an ceudna air a dhaingneachadh, a‑chum nach gluaisear e. 2 Dhaingnicheadh do rìgh‐chathair o chian; o shìorraidheachd tha thusa ann. 3 Thog na tuiltean suas, a Thighearna, thog na tuiltean suas an guth; togaidh na tuiltean suas an tonnan. 4 Os cionn toirm uisgeachan lìonmhor, os cionn tonnan neartmhor na mara, is neartmhor anns na h‑àrdan an Tighearna. 5 Tha do theisteis ro‑fhìor; dod thaigh‐sa is iomchaidh naomhachd, a Thighearna, gu bràth. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society