Salm 92 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Dh’earalaich am fàidh Dia a mholadh, 4 airson a bhreitheanais air luchd‐dèanamh an uilc, 10 agus airson a mhaitheis don ionracan. Salm no laoidh airson Là na Sàbaid. 1 Is math an nì buidheachas a thabhairt don Tighearna, agus cliù a thabhairt dod ainm‐sa, O Thì as àirde; 2 Do choibhneas gràidh a chur an cèill anns a’ mhadainn, agus d’fhìrinn gach oidhche, 3 Air inneal‐ciùil nan deich teud agus air an t‑saltair, air a’ chlàrsaich le fuaim fhonnmhoir àird. 4 Oir rinn thu mi aoibhinn, a Thighearna, trìd d’obraichean‐sa; ann an gnìomharan do làmh nì mi gàirdeachas. 5 Cia mòr do ghnìomharan‐sa, a Thighearna! Ro‑dhomhain tha do smuaintean. 6 Chan eòl don amhlair, agus cha tuig an t‑amadan seo. 7 Nuair a chinneas na h‑aingidh mar fheur, agus a thig uile luchd‐dèanamh na h‑euceirt fo bhlàth, bidh iad air an sgrios am feasd. 8 Ach tha thusa ro‑àrd gu sìorraidh, a Thighearna; 9 Oir feuch do naimhdean, a Thighearna, oir feuch do naimhdean, sgriosar iad; sgapar uile luchd‐dèanamh na h‑euceirt. 10 Ach mar adharc buabhaill àrdaichidh tu m’adharc‐sa; ungar mi le ola ùir; 11 Agus amhaircidh mo shùil air m’eascairdean; mu na droch dhaoine a dh’èireas suas am aghaidh cluinnidh mo chluasan. 12 Mar chrann‐pailme thig am fìrean fo bhlàth; mar sheudair air Lebanon fàsaidh e suas. 13 Iadsan a shuidhichear ann an taigh an Tighearna, ann an cùirtean ar Dè‑ne thig iad fo bhlàth; 14 Fhathast nan seann aois bheir iad a‑mach toradh; sultmhor agus ùr bidh iad, 15 A‑chum gun nochd iad gu bheil an Tighearna, mo charraig, cothromach, agus nach eil euceart ann. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society