Salm 81 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Earail gu Dia a mholadh. 8 Chomhairlich Dia do Israel ùmhlachd a thoirt da thoil, agus gheall e an teasairginn o làimh an naimhdean. Don àrd‐fhear‐ciùil air Gitit . Salm le Asaph. 1 Seinnibh gu h‑ait do Dhia ar neart; togaibh iolach to Dhia Iàcoib. 2 Glacaibh salm, agus thugaibh tiompan leibh; a’ chlàrsach bhinn maille ris an t‑saltair. 3 Anns a’ ghealaich nuaidh sèidibh an trompaid, anns an àm shuidhichte, air là ar fèille. 4 Oir bu reachd seo do Israel, riaghailt le Dia Iàcoib. 5 Mar fhianais shuidhich e e ann an Iòseph, nuair a thàinig e a‑mach à tìr na h‑Eiphit, far an cuala e cainnt nach do thuig e. 6 On eallaich thug mi as a ghualainn; o na poitean shaoradh a làmhan. 7 Ann an teinn ghairm thu, agus shaor mi thu; fhreagair mi thu ann an ionad diamhair an tàirneanaich; dhearbh mi thu làimh ri uisgeachan Mheribah. Selah. 8 Eisd, O mo shluagh, agus bheir mi fianais dhut; O Israeil, ma dh’èisdeas tu rium; 9 Cha bhi dia coigreach annad, agus cha chrom thu sìos do dhia coimheach. 10 Is mise an Tighearna do Dhia, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit; fosgail do bheul gu farsaing, agus lìonaidh mise e. 11 Gidheadh cha d’èisd mo shluagh rim ghuth, agus cha do ghabh Israel rium. 12 Uime sin thug mi thairis iad do ana‑miann an cridhe fhèin; dh’imich iad nan comhairle fhèin. 13 O nach èisdeadh mo shluagh rium, nach imicheadh Israel am shlighean! 14 Gu luath leagainn sìos an eascairdean, agus thionndaidhinn mo làmh an aghaidh an naimhdean. 15 Bheireadh luchd‐fuath an Tighearna ùmhlachd dha, ach mhaireadh an aimsir‐san gu bràth. 16 Agus bheathaicheadh e iad le smior a’ chruithneachd, agus le mil on charraig shàsaichinn thu. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society