Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 72 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Rinn Daibhidh ùrnaigh airson Sholaimh, 4 agus nochd e ceartas, sonas, agus glòir a rìoghachd. 18 Bheannaich e Dia.
Airson Sholaimh .

1 A Dhè, thoir do bhreitheanais don rìgh, agus d’fhìreantachd do mhac an rìgh.

2 Bheir esan breith air do shluagh le fìreantachd, agus air do bhochdan le ceartas.

3 Bheir na beanntan sìth don t‑sluagh, agus na tulaichean.

4 Le ceartas bheir e breith air bochdan an t‑sluaigh; saoraidh e clann nan ainnis, ach mion‐bhrisidh e fear an fhòirneirt.

5 Bidh d’eagal orra am feadh a mhaireas a’ ghrian agus a’ ghealach, o linn gu linn.

6 Thig e a‑nuas mar uisge air an fhaiche bhuainte, mar fhrasan a dh’uisgicheas an talamh.

7 Na làithean‐san soirbhichidh leis an fhìrean, agus bidh pailteas sìth ann, gus nach bi a’ ghealach ann nas mò.

8 Agus bidh uachdaranachd aige o fhairge gu fairge, agus on abhainn gu ruig crìochan na talmhainn.

9 Na fhianais sleuchdaidh sìos luchd‐còmhnaidh an fhàsaich, agus imlichidh a naimhdean an ùir.

10 Bheir rìghrean Tharsis agus nan eilean tìodhlacan uapa; bheir rìghrean Shèba agus Shaba tabhartasan dha.

11 Agus sleuchdaidh na h‑uile rìghrean sìos dha; nì na cinnich uile seirbhis dha.

12 Oir saoraidh e an t‑ainnis nuair a dh’èigheas e, agus an truaghan, aig nach eil fear‐cuideachaidh.

13 Caomhnaidh e am bochd agus am feumach, agus tèarnaidh e anaman nam feumach.

14 O fhoill agus o fhòirneart saoraidh e an anam, agus bidh am fuil luachmhor na shùilean.

15 Agus bidh e beò, agus bheirear dha de òr Shèba, agus nìthear ùrnaigh air a shon a‑ghnàth; gach là beannaichear e.

16 Bidh dòrlach sìl anns an talamh air mullach nam beann; crathaidh mar Lebanon a thoradh; agus thig muinntir a’ bhaile fo bhlàth, mar luibh na talmhainn.

17 Bidh a ainm‐san buan gu sìorraidh; co‑mhaireann ris a’ ghrèin bidh a ainm‐san; agus annsan beannaichear na slòigh uile, agus beannaichidh iadsan e.

18 Beannaichte gu robh an Tighearna Dia, Dia Israeil, an tì a‑mhàin a nì nithean iongantach!

19 Agus beannaichte gu robh a ainm glòrmhor‐san gu sìorraidh, agus lìonar an talamh uile le a ghlòir! Amen agus Amen!

20 Chrìochnaicheadh ùrnaighean Dhaibhidh mhic Iese.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan