Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Ghuidh Daibhidh air Dia gun saoradh e e o làimh a naimhdean. 9 Tha e a’ nochdadh gun dearbh Dia cridhe an duine, agus gun tig an t‑aingidh gu bochdainn.
Sigaion le Daibhidh, a sheinn e don Tighearna a‑thaobh briathran Chuis am Beniàmineach.

1 A Thighearna mo Dhia, annad cuiridh mi mo dhòigh; saor mi uapasan uile a tha an tòir orm, agus teasairg mi,

2 Air eagal mar leòmhann gun reub e m’anam, ga liodairt, gun neach a shaoras.

3 A Thighearna mo Dhia, ma rinn mi seo, ma tha lochd am làmhan,

4 Ma dh’ìoc mi olc don fhear a bha an sìth rium, no ma rinn mi fòirneart airsan a bha na eascaraid dhomh gun adhbhar,

5 Geur‐leanadh an nàmhaid m’anam, agus glacadh e e, agus saltradh e mo bheatha gu làr, agus leagadh e mo chliù anns an duslach. Selah.

6 Eirich, a Thighearna, ad fheirg; tog suas thu fhèin airson corraich mo naimhdean, agus mosgail air mo shon a‑chum na breith a dh’àithn thu.

7 An sin cuartaichidh coitheanal an t‑sluaigh thu; air an son‐san, uime sin, till gu ionad àrd.

8 Bheir an Tighearna breith air an t‑sluagh; thoir breith orm, a Thighearna, a rèir m’fhìreantachd, agus a rèir m’ionracais a tha annam.

9 Thigeadh crìoch air aingidheachd nan aingidh, ach daingnich thusa am fìrean, oir dearbhaidh tu na cridheachan agus na h‑àirnean, a Dhè chothromaich.

10 Is e Dia mo sgiath, a shaoras iadsan a tha ceart ann an cridhe.

11 Is britheamh cothromach Dia, agus bidh Dia ann am feirg ris a’ chiontach gach là.

12 Mura till e, geuraichidh e a chlaidheamh; chuir e a bhogha air lagh, agus dheasaich e e.

13 Agus dh’ullaich e air a shon innealan bàis; dhealbh e a shaighdean an aghaidh luchd geur‐leanmhainn.

14 Feuch, tha e ri saothair le euceart; ghin e olc, agus rug e breug.

15 Dh’fhosgail e sloc, agus chladhaich e e, agus thuit e fhèin anns a’ chlais a rinn e.

16 Tillidh a olc air a cheann fhèin, agus thig a fhòirneart a‑nuas air a chlaigeann fhèin.

17 Molaidh mise an Tighearna a rèir a cheartais, agus seinnidh mi cliù do ainm an Tighearna as ro‑àirde.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan