Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 68 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Ghuidh Daibhidh gun sgapadh Dia a naimhdean. 4 Earail gu Dia a mholadh airson a thròcairean, 7 agus airson a chùraim da shluagh.
Don àrd‐fhear‐ciùil. Salm no laoidh le Daibhidh.

1 Eireadh Dia! Biodh a naimhdean air an sgapadh, agus teicheadh iadsan aig a bheil fuath dha o a ghnùis!

2 Mar a dh’fhuadaichear deatach, fuadaichear iad; mar a leaghar cèir fa chomhair an teine, sgriosar droch dhaoine am fianais Dhè.

3 Ach biodh na fìreanan aoibhneach; dèanadh iad gàirdeachas am fianais Dhè, agus biodh iad suilbhir le luath‐ghaire.

4 Seinnibh do Dhia, molaibh a ainm; àrdaichibh esan a tha a’ marcachd air na nèamhan le a ainm Iah, agus dèanaibh gàirdeachas na fhianais.

5 Athair nan dìlleachdan agus britheamh nam bantrach, is e Dia ann an ionad‐còmhnaidh a naomhachd.

6 Suidhichidh Dia na daoine aonaranach ann an teaghlach; bheir e a‑mach iadsan a tha ceangailte le cuibhrichean; ach gabhaidh na ceannaircich còmhnaidh ann an tìr thartmhoir.

7 A Dhè, nuair a chaidh thu a‑mach rod shluagh, nuair a dh’imich thu anns an fhàsach; Selah;

8 Chriothnaich an talamh, shil mar an ceudna na nèamhan; leagh na beanntan o làthair Dhè, Sinài sin fhèin o làthair an Tighearna, Dia Israeil.

9 Shil thu a‑nuas uisge gu pailt, a Dhè; air d’oighreachd, agus i sgìth, dh’fhurtaich thu.

10 Chòmhnaich do choitheanal innte; dheasaich thu, a Dhè, ded mhaitheas don bhochd.

11 Chuir an Tighearna a ghuth a‑mach; bu lìonmhor cuideachd na muinntir a dh’fhoillsich e.

12 Theich, theich rìghrean nan armailtean, agus roinn ise a dh’fhan aig an taigh a’ chreach.

13 Ged laigh sibh am measg choireachan, bidh sibh mar sgiathan calamain air an còmhdach le airgead, agus a iteagan le òr buidhe.

14 Nuair a sgaoil an t‑Uile‐chumhachdach rìghrean innte, bha i geal mar shneachd air Salmon.

15 Tha beinn Dhè mar bheinn Bhasain, na beinn àrd mar bheinn Bhasain.

16 Carson a leumas sibh, a bheanntan àrda? Is i seo a’ bheinn anns am miann le Dia còmhnaidh a ghabhail; seadh, còmhnaichidh an Tighearna innte gu bràth.

17 Tha carbadan Dhè nam fichead mìle, le mìltean de mhìltean aingeal; tha an Tighearna nam measg, mar ann an Sinài, anns an ionad naomh.

18 Chaidh thu suas air ionad àrd, thug thu bruid ann am braighdeanas; thug thu tìodhlacan do dhaoine, seadh, eadhon do dhaoine ceannairceach, a‑chum gun gabhadh an Tighearna còmhnaidh nam measg.

19 Beannaichte gu robh an Tighearna, a tha gach là gar cumail suas, Dia ar slàinte! Selah.

20 Is e ar Dia‑ne Dia na slàinte, agus don Tighearna Dia buinidh an t‑slighe on bhàs.

21 Ach brisidh Dia ceann a naimhdean, claigeann greannach an fhir a dh’imicheas na pheacaidhean.

22 Thubhairt an Tighearna, Mar o Bhasan bheir mi mo shluagh air an ais; bheir mi air an ais iad mar o dhoimhneachdan na fairge;

23 A‑chum gun tumar do chas ann am fuil do naimhdean, teanga do mhadraidh anns an nì cheudna.

24 Chunnaic iad do thriall, a Dhè, triall mo Dhè, mo Rìgh, anns an ionad naomh!

25 Dh’imich an luchd‐seinn air thoiseach, an luchd‐ciùil nan dèidh, am meadhon mhaighdeann a’ bualadh thiompan.

26 Anns na coitheanalan beannaichibh an Tighearna Dia, an Tighearna o thobar Israeil.

27 An sin tha Beniàmin beag na uachdaran orra, ceannardan Iùdah an luchd‐comhairle, ceannardan Shebuluin, ceannardan Naphtali.

28 Dh’àithn do Dhia dhut do neart; neartaich, a Dhè, an nì seo a rinn thu air ar son.

29 Airson do theampaill ann an Ierusalem, bheir rìghrean tìodhlac dhut.

30 Smachdaich luchd nan sleagh, mòr‐chuideachd nan tarbh le laoigh an t‑sluaigh, gus an strìochd iad le mìrean airgid; sgap thusa na slòigh a ghabh tlachd den chogadh.

31 Thig àrd‐uaislean as an Eiphit; sìnidh Etiopia a làmhan a‑mach gu luath ri Dia.

32 A rìoghachdan na talmhainn, seinnibh do Dhia; seinnibh moladh don Tighearna: Selah:

33 Dhàsan a tha a’ marcachd air nèamhan nan nèamh o chian! Feuch, tha e a’ cur a‑mach a ghutha, guth neirt.

34 Thugaibh‐se neart do Dhia; thar Israel tha a ghlòir, agus tha a neart anns na neòil.

35 Is uamhasach thusa, a Dhè, od ionadan naomha! Is e Dia Israeil a bheir neart agus treòir da shluagh. Guma beannaichte Dia!

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan