Salm 61 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Rinn Daibhidh ùrnaigh ri Dia, 4 agus chuir e a dhòchas na thròcair. Don àrd‐fhear‐ciùil air Neginot . Salm le Daibhidh. 1 Eisd, a Dhè, rim ghlaodh; thoir an aire dom ùrnaigh. 2 O iomall na talmhainn èighidh mi riut, nuair a bhios mo chridhe lag; a‑chum na carraig as àirde na mi fhèin, treòraich thusa mi, 3 Oir bha thusa ad thèarmann dhomh, ad thùr làidir an aghaidh an nàmhaid. 4 Gabhaidh mi còmhnaidh ann ad phàillean gu bràth; cuiridh mi mo dhòigh ann an sgàil do sgiathan. Selah. 5 Oir chuala tusa, a Dhè, mo bhòidean; thug thu oighreachd dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme. 6 Cuir thusa làithean ri làithean an rìgh; biodh a bhliadhnachan mar linn agus linn. 7 Maireadh e gu bràth am fianais Dhè; gleidheadh tròcair agus fìrinn e. 8 Mar sin seinnidh mi cliù dod ainm gu bràth, a‑chum gun dìol mi mo bhòidean o là gu là. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society