Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 57 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Na ùrnaigh tha Daibhidh a’ guidhe gun dèanadh Dia tròcair air, agus gun saoradh e e on fhear lem b’ àill a sgrios. 7 Dh’àrdaicheadh a chridhe gu Dia a mholadh.
Don àrd‐fhear‐ciùil, Al‑taschit . Michtam le Daibhidh nuair a theich e o làthair Shauil don uaimh .

1 Dèan tròcair orm, a Dhè, dèan tròcair orm, oir annadsa tha m’anam a’ cur a dhòigh, agus fo sgàil do sgiathan gabhaidh mi mo thèarmann gus an tèid na h‑uilc seo uile thairis.

2 Eighidh mi ris an Dia as àirde, ri Dia a choileanas nithean air mo shon.

3 Cuiridh e neart o nèamh, agus saoraidh e mi; bheir e masladh don fhear lem b’àill mo shlugadh suas. Selah. Cuiridh Dia a‑mach a thròcair agus a fhìrinn.

4 Tha m’anam am measg leòmhann; tha mi am laighe am measg dream air lasadh, daoine aig a bheil am fiaclan nan sleaghan agus nan saighdean, agus an teanga na claidheamh geur.

5 Ardaich thu fhèin os cionn nan nèamh, a Dhè; do ghlòir os cionn na talmhainn uile.

6 Dheasaich iad lìon fa chomhair mo cheum; chrom iad m’anam sìos; chladhaich iad sloc romham; thuit iad fhèin na mheadhon. Selah.

7 Tha mo chridhe deas, a Dhè, tha mo chridhe deas; seinnidh mi agus molaidh mi.

8 Mosgail, mo ghlòir; mosgail, a shaltair agus a chlàrsach; mosglaidh mi fhèin moch air mhadainn.

9 Molaidh iad thu am measg nan sluagh, a Thighearna; seinnidh mi dhut am measg nan cinneach;

10 Oir is mòr do thròcair gu ruig na nèamhan, agus d’fhìrinn gu ruig na neòil.

11 Ardaich thu fhèin os cionn nan nèamh, a Dhè; do ghlòir os cionn na talmhainn uile.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan