Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 56 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


1 Rinn Daibhidh gearan a bhrìgh fòirneirt a naimhdean. 9 Chuir e an cèill a dhòchas ann am facal Dhè, agus gheall e Dia a mholadh.
Don àrd‐fhear‐ciùil air Ionatelim‐rechocim. Michtam le Daibhidh nuair a ghlac na Philistich e ann an Gat .

1 Dèan iochd orm, a Dhè, oir b’àill le duine mo shlugadh suas; tha e gam shàrachadh gach là le cogadh.

2 B’àill lem eascairdean mo shlugadh suas gach là, oir is lìonmhor iad a tha a’ cogadh rium o ionad àrd.

3 Anns an là air am bi eagal orm, earbaidh mi asadsa.

4 Ann an Dia molaidh mi a fhacal; ann an Dia chuir mi mo dhòigh; chan eagal leam ciod a dh’fhaodas feòil a dhèanamh orm.

5 Gach là tha iad a’ fiaradh mo bhriathran; tha an smuaintean uile am aghaidh a‑chum uilc.

6 Tha iad a’ cruinneachadh le chèile, tha iad gam falach fhèin; tha iad a’ toirt fa‑near mo cheuman nuair a tha iad a’ feitheamh airson m’anama.

7 Le eucoir an tèid iad as? Ann ad fheirg tilg sìos na slòigh, a Dhè.

8 Rinn thu mo sheachrain àireamh; cuir mo dheòir ann ad shearraig; nach eil iad ann ad leabhar?

9 An sin tillear mo naimhdean air an ais, anns an là a ghairmeas mi ort: air seo tha fhios agam, oir tha Dia leam.

10 Ann an Dia molaidh mi a fhacal; anns an Tighearna molaidh mi a fhacal.

11 Ann an Dia chuir mi mo dhòigh; chan eagal leam ciod a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.

12 Ormsa, a Dhè, tha do bhòidean; ìocaidh mi cliù dhut;

13 Oir shaor thu m’anam on bhàs, agus mar an ceudna mo chasan o thuisleadh, a‑chum gun gluaisinn ann ad fhianais, a Dhè, ann an solas nam beò.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan