Salm 53 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19921 Chuir Daibhidh an cèill truaillidheachd a’ chinne‐daoine. 6 Mhiannaich e slàinte an Tighearna fhaicinn. Don àrd‐fhear‐ciùil air Mahalat. Maschil le Daibhidh. 1 Thubhairt an t‑amadan na chridhe, Chan eil Dia ann; tha iad truaillidh, agus rinn iad aingidheachd ghràineil; chan eil neach ann a nì math. 2 Dh’amhairc Dia a‑nuas o nèamh air cloinn nan daoine, a dh’fheuchainn an robh neach ann a bha glic, a bha ag iarraidh Dhè. 3 Chaidh gach aon dhiubh air ais; tha iad gu lèir air fàs salach; chan eil neach ann a nì math, chan eil eadhon aon. 4 Nach eil eòlas acasan a tha a’ dèanamh na h‑eucoir, a tha ag ithe suas mo shluaigh mar a dh’itheadh iad aran, agus nach gairm air Dia? 5 An sin ghabh iad eagal mòr, nuair nach robh adhbhar eagail ann; sgaoil Dia a chnàmhan‐san o chèile a champaich ad aghaidh; nàraich thu iad, a chionn gun do rinn Dia tàir orra. 6 O gun tigeadh slàinte Israeil a‑mach à Sion! An uair a bheir Dia air ais braighdeanas a shluaigh, nì Iàcob gàirdeachas, nì Israel aoibhneas. |
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017
Scottish Bible Society