Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

Salm 47 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992


Nochd an salmadair gu bheil Dia na Rìgh mòr os cionn na talmhainn, agus na adhbhar eagail do gach neach.
Don àrd‐fhear‐ciùil. Salm airson mic Chòrah.

1 Buailibh ur basan, uile shlòigh; togaibh iolach do Dhia le guth gàirdeachais.

2 Oir tha an Tighearna, an Tì as àirde, na adhbhar eagail; is Rìgh mòr e os cionn na talmhainn uile.

3 Cuiridh e na slòigh fo ar smachd, agus na cinnich fo ar casan.

4 Taghaidh e ar n‑oighreachd dhuinn, òirdheirceas Iàcoib, a ghràdhaich e. Selah.

5 Chaidh Dia suas le caithreim, an Tighearna le fuaim trompaid.

6 Seinnibh moladh do Dhia, seinnibh; seinnibh moladh dar Rìgh, seinnibh;

7 Oir is e Dia rìgh na talmhainn uile; seinnibh moladh gu h‑eòlach.

8 Tha Dia na Rìgh os cionn nan cinneach; tha Dia na shuidhe air rìgh‐chathair a naomhachd.

9 Chruinnicheadh uachdarain nan sluagh le chèile, sluagh Dia Abrahàim; oir is le Dia sgiathan na talmhainn; tha e air àrdachadh gu mòr.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan